chaidh mi dhan bhanca an-dè airson beagan airgid fhaighinn - tha an càirt agam briste, mar sin chan fhaigh mi airgead aig an inneal an-dràsda agus chan urrainn dhomh pàigheadh leis anns na bùthan. fhuair mi 50 € agus thuirt an duine a thug an airgead thugam: "gabh spòrs leis" - hmmm...

tha cailleach anns a' bhaile seo, boireannach gun dachaigh, agus is àbhaist dhi a bhith na suidhe àiteigin ann am meadhan a' bhaile, eadar na bùthan, aig balla no air staidhre. agus bidh i ag èigh no glaodh no gearan, le guth cruaidh, neònach, àrd, agus tha a h-uile duine gu math eòlach oirre. agus bidh a' chuid as motha ag ràdh gu bheil i dìreach uabhasach. ach tha rudeigin anns a guth agus anns an dòigh aice... seòrsa rithim do na faclan aice agus i an ràdh a-rithist is a-rithist mar gum bitheadh iad glè cudthromach... cha bhi duine sam bith a' tuigsinn na tha i ag ràdh, ach is aithne dhomh cuid rudan a bhi i ag ràdh gu tric, a-rithist is a-rithist. tha a ceann troimhe-chèile gu dearbh, ach tha rudeigin ann, air falach, agus is dòcha ann an cultar eile bhitheadh i na shaman no rud mar sin.

bruidhinn mu dheidhinn daoine as an rian... a-raoir bha mi a' cabadaich ri caraid air an eadar-lìon, agus thuirt e gu bheil rudeigin ceàrr leis a theanga. dh' fhaighnich mi dè bha ceàrr, agus dh' innis e gun robh rudeigin fliuch air an sgeilp aige, agus bha coltas sùgh-ubhail air. dh' fheuch e e leis a chorragan agus leis a theanga, ach bha blas neònach ann. an uair sin mhothaich e gun robh batteries briste nan laighe air an sgeilp. mar sin, bha e air an acid ithe.

bidh mi ag èisdeachd ri mòran cheòl suomais agus samais (hmm, finnish agus saami) na laithean seo, agus tha e a' còrdadh rium gu mòr. agus tha mi dhen bheachd gu bheil an ceòl dualchasach seo gu math coltach ri òrain luaidh bho na h-eileanan siar, agus tha sin inntinneach. chan eil òrain luaidh ann ann an èirinn, mar eisimpleir, 's e rud gu math sònraichte a th' annta. bhitheadh e inntinneach faighinn a-mach a bheil ceangal ann eadar na h-òrain luaidh agus na h-òrain obraich aig na boireannaich taobh an ear-tuath na h-eòrpa.

blablabla... tha mise as mo rian leis an teas cuideachd :)