blablabla

dhùisg mi an-diugh agus bha cuimhne agam air bruadar agus anns a' bhruadar fhèin bha fios agam gum b' e sgeulachd a th' ann a sgrìobhas mi - anns a' ghàidhlig. ach feumaidh mi beagan rannsachaidh a dhèanamh mus sgrìobh mi e o chionn 's gu bheil faclan a dhìth orm... faclan mun chuan agus tuil...

tha a h-uile duine as an rian leis an teas gu dearbh. a-raoir chaidh mi don stèisean airson suiteis agus deoch a cheannachd aig a' bhùth, agus bha balaich òga ann a bha ag iarraidh wodka a cheannachd. ach cha robh iad 18 fhathast no cha robh ID aca, co-dhiù thoisich aon dhiubh rudan uabhasach mi-mhodhail a ràdh don boireannach aig a' bhùth... ach tha daonnan luchd-poilis anns an stèisean agus dà mhionaid an-dèidh sin bha e ann an trioblaid mòr, o chionn's gun do lean e air agus thuirt e rudan gòrach don poileas cuideachd...
nuair a bha mi air an t-slighe dhachaigh a-rithist, thoisich cuideigin fireworks air an rathad agus bha tubaist beag ann oir thuit an sgudal air car air choreigin. tha am baile seo fìor chraicte.

di-ardaoin aig an oilthigh, bha sinn nar suidhe agus a' cabadaich anns an roinn ceilteach, agus chunnaic nighean gu bheil an teacsa bhon chlàs seann chuimris agam air printeadh air duilleagan mòra, le beàrnan eadar na loidhnean airson an eadar-theangachadh agus gràmar a sgrìobhadh fo ghach facal. dh' fhaighnich i càit an d' fhuair mi sin agus thuirt mi gun do rinn mi-fhìn e leis a' choimpiutair. "oh, ciamar an do rinn thu sin?" thuirt i agus bha beagan iongnadh orm. "An do rinn thu e leis an scanner?" Mhìnich mi dhi nach do rinn mi ach dìreach sgrìobhadh air a' choimpiutair. Dh' fhreagair ise: "Oh, a bheil Cuimris aig a' choimpiutair?"
Bha mi gun fhacal a ràdh, ach thuirt nighean eile: "Oh, tha, ach dh' fheuch mi sin agus cha bu toigh leam e... bha a h-uile rud dearg agus cha bhitheadh sin cho feumail." Cha do thuig mi sin ach an-dèidh mionaid no dhà: bha i a' ciallachadh an orthography check. cha robh fhios aice gur urrainn sin a chur às no atharrachadh gu cànan eile, agus cha robh fhios aice nach tèid na loidhnean dearga a phrinteadh.
(seadh, sin na arts / humanities, ach thogadh a' mhòr-chuid de na h-oileanaich a tha ann an-dràsda anns na 90s... O_o