dathan ùra as t-earrach :-)

Tha an t-earrach a' tighinn a-nis gu dearbh, nam bheachd-sa. Tha equinox ann an-diugh (no an-dè?) cuideachd. Mar sin, bha an sunnd orm rudeigin ùr a cheannachd. (Haha, deagh leisgeul airson airgead a chosgadh :p) Cheannaich mi "aodach ùr" - chan ann air mo shon fhèin, ach airson an àirneis-taighe. Anns a' gheamhradh, is toigh leam dathan dorcha "trom", mar eisimpleir dubh-deargh, donn is eile. Ach as t-earrach is fheàrr leam dathan an earraich mar a chì sibh an-seo.
(Bha dealbh eile ann cuideach ach bha mo chèile a' gearan gum b' urrainn d' a h-uile duine an leabaidh fhaicinn leis an sgudal ri taobh :-P haha...)

henry rollins // calanais stoned

a bheil sibh eòlach air an duine sin? 's e seinneadair a th' ann agus bha e an sàs le black flag (seòrsa punc) anns na 80ean agus le ceòl eile as-dèidh sin, sgrìobh e leabhraichean is rinn e filmichean cuideachd. 's e duine gu math inntinneach a th' ann, ach cha robh mi eòlach air cho math. tha cuid de na clàran aig mo chèile.
a-raoir bha henry rollins ann an köln, ach cha do chluich e consairt le ceòl - bha e air an ùrlàr na aonar, ag innse. seadh, a' bruidhinn gu bhith 3 uairean a thìde, ann an dòigh uabhasach inntinneach is tarraingeach. bhruidhinn e mu iomadh rudan, ann an dòigh annasach math - bho walmart agus fhàsach cultarach ann an aimeirigea, poileataigs an t-saoghail, gu siubhal air trèana transsiberian agus cur a-mach anns an taigh-bheag, no an uair sin dh' innis e mu na tursan aige ann an ospadalan anns na staitean aonaichte do shaighdearan a chaidh a ghoirteachadh ann an iraq... bha e a' gluasad eadar èibhinn is fiadhaich fad na h-ùine, tha e uabhasach math air atharrais air guthan no dual-chainnt a dhèanamh, is coltach gu bheil e a' toirt sùil mionaideach air an t-saoghal, a' faicinn cùisean mar a tha iad, uaireannan cruaidh, uaireannan iongantach.
cha do mhothaich mi mar a chaidh an ùine seachad. abair oidhche inntinneach! ma thig e don bhaile agaibh, rachaibh ann, fiù 's mura bheil sibh eòlach air an ceòl agaibh no fiùs mur a bheil sibh measail air punc is ròc, is fhiach e!

dh' innis janni mu "callanish stoned", dealbh-cluich a chunnaic i aig SMO. chunnaic mi-fhìn an duilleachan air an latha mu dheireadh agam ann an leòdhas - agus mhothaich mi gun robh e air a chluich na trì laithean roimhe - fad 's a bha mi ann - gach oidhche ann an steòrnabhagh. gaaaaaah. agus tha an dealbh-cluich air sgrìobhadh le kevin mac neacail, bàrd òg as toigh leam gu mòr! gaaaaaaah.

co-dhiù, tha an t-earrach a' tighinn an-seo, is a-màireach tilgidh mi a h-uile sgudal bhon bhalcon agam (hmm, an tilg mi dìreach sìos dhan lios e? ;-)) agus tha mi ag iarraidh flùraichean ùra a cheannachd ach tha e ro fhuar 'san oidhche fhathast. ach tha cuid lusan ann a tha beò fhathast as-dèidh a' gheamhraidh, feumaidh mi dìreach a h-uile rud a sgioblachadh is a ghlànadh.
bidh a' chaisg ann a dh' aithghearr agus bi co-latha breith aig a h-uile duine anns an teaghlach agam-sa is aig mo chèile. rugadh sinne fhèin a-mhàin air "taobh eile na bliadhna", mise 'san damhair, esan 'san dùbhlachd. gach bliadhna 'sa mhàirt is ghibhlean feumaidh sinn mòran gibhtean a cheannachd ;-)

Dealbh à Leòdhas, agus dùrachd às a' Ghearmailt


Tha mi air ais aig an taigh a-nis agus innsidh mi tuilleadh mun turas agam a dh' aithghearr. Seo dealbh bhon tràigh ann an Gabhsann, taobh an iar Leòdhais :-)

port rìgh le sneachda





Chaidh mi sìos a Phort Rìgh an-dè, airson airgead fhaighinn (cha deach sin gu math) agus airson dol do na bùithean (chaidh sin nas fheàrr ;-)). Bha mi a' cabadaich greis leis an tè laghach ann am bùth SMO, agus bha mi a' coiseachd mun cuairt anns a' bhaile bheag sin air a bheil mi eòlach cho math... cha turas a thèid mi ann bidh mi a' faireachdainn mar gun tighinn dhachaigh - ged a tha àitean mòran nas àlainne, nas fhiadhaiche, nas aonranaiche anns na h-Eileanan... ach ann an dòigh, bidh mi daonnan ann an sunnd glè mhath ann am Port Rìgh, agus tha an cuimhne air laithean eile sunndach an còmhnaidh a' coiseachd ri mo thaobh mar thaibhse nuair a bhitheas mi ann, nam aonar gu tric, a' smaoineachadh air latha no eile nuair a bha mi ann le caraid air choireigin. Gah, tha mi ag innse rudan gòrach... ;-)
Bidh biadh ann a-nis, feumaidh mi dol ann, feuch am faigh mi rudeigin blàsda mus bidh e air falbh!

turas ann an tarscabhaigh





turas coiseachd fheasgair ann an tarscabhaig












slèite a-rithist

dealbhan eile ;-)



sealladh air cùlaibh a' cholaisde fo ghrèin meadhan-latha. bha mi nam shuidhe anns an leabharlann, leis an sealladh seo a-muigh, agus cha b' urrainn dhomh suidhe fada... ;-)
is bochd nach eil an camara cho math, tha na dealbhan ceart gu leòr nuair a tha iad beag, ach ma chliceas sibh orra (haha, abair gàidhlig), chì sibh gur e droch camara a th' ann. grrr.

beagan dhealbhan

tha mi aig sabhal mòr ostaig còmhla ri janni an-dràsda. rinn mi cuid dhealbhan leis a' chamara digiteach an-dè. chan eil iad cho uabhasach math, gu mi-fhortanach chan eil camara ceart agam na laithean seo, oir tha am fear aosda briste. ach co-dhiù, seo sealladh no dha le cholaisde na gàidhlig anns an eilean sgìtheanach 'san t-sneachd :-)