lietuviškas

uff... tha mi air post-d fada a sgrìobhadh, gu boireannach ann an lithuania (cha d' fhuair mi a-mach fhathast a bheil ainm gàidhlig air an dùthaich sin). fhuair mi an seòladh post-d aice tro comunn "tandem" a tha a' toirt cuideachadh do daoine air feadh an t-saoghal faighinn lorg air daoine eile airson cànanan ionnsachadh agus a chleachdadh. is toigh leam cànanan ionnsachadh (hehe, cha chuir sin iongnadh oirbh ;-)) agus tha mi luath gu leòr le gràmar, ach feumaidh mi cànan a chleachdadh gu tric gus nach dìochuimhnich mi a h-uile rud a-rithist. gu h-àraidh tha mi diùid le bruidhinn. ach is toigh leam leughadh is sgrìobhadh air an eadar-lìon anns a' chuid chànanan a tha agam, agus cha chreid mi nach feuch mi ri blog no dhà eile a thoiseachadh, ann an nirribhis no lithuanian no innis tìlis, is dòcha :-)

ach 's i gàidhlig cànan mo chridhe agus m' anam gu bràth!!! :-)

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Flùr

Tha mi ag aontachadh leat a Mhona, - nuair a chleachdas tu cànanan eile gu tric, bidh thu a'fàs nas fheàrr air na cànanan seo :-).

Uill, leis an fhìrinn innse, mhothaich mi gu bheil mo chuid Ghàidhlig nas fheàrr na mo chuid Bheurla a-nis :-) a chionn 's nach eil mi a'sgrìobhadh sa Bheurla cho tric air an eadar-lìon 'sna làithean seo... :-)

6:23 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog