brònach

an seachdain seo fhuair sinn droch naidheachd.
bidh mo chèile 's mi-fhìn gu tric air fòrum neònach èibhinn mu cheòl ròc agus rudan eile... tha sinn eòlach air mòran daoine an-sin, tha cuid dhe na daoine air a' fòrum sin nan deagh charaidean agus ged a tha e uabhasach craicte 's e àite cairdeil laghach a th' ann cuideachd.
nis, cuid laithean air ais chuala sin gun do chaochail duine bhon fòrum sin. chuir e crìoch air a bheatha fhèin. cha robh mise eòlach air dha-rìribh, ach co-dhiù. bha mòran chòmhraidh shnog èibhinn againn, bhitheadh sinn a' cabadaich mu cheòl, bhitheadh e ag èisdeachd ri mòran chòmhlainn a tha a' còrdadh rium-sa cuideachd. agus cha robh mi a-riamh a' smaoineachadh gun robh e brònach no gun robh trioblaid mòr aige leis a bheatha.
tha sin cho eagallach. bidh mi air an eadar-lìon gu tric agus tha mi "eòlach" air mòran daoine dìreach tron loidhne... bidh mi a' leughadh bhuapa gu bhith gach latha, ach a dh' aindeoin sin chan eil fhios agam cò iad dha-rìribh, ciamar a tha cùisean aca, dè tha dol 'sa bheatha aca. 's urrainn do chuideigin smilies a sgrìobhadh ann am fòrum no seòmar-chòmhraidh ged a tha deòir na shùil.
tha sin gam chur glè bhrònach an-dràsda, ged nach robh mi eòlach gu math air a' bhalach sin.
a charaidean, toiribh sùil air ur caraidean. beannachd leibh uile.
~

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Flùr

Tha mi cho duilich sin a chluinntinn, a Mhona. :-(
Tha sin eagalach gu dearbh..... :-(

9:03 AM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog