dealbhan àlainn

Chunnaic mi làrach-lìn le dealbhan camara àlainn à Alba an-diugh: http://walks.theboyhope.com/ Is coltach gum bi an duine seo a' siubhal air feadh Alba gu tric, uisge ann no às, as t-samhradh, 'sa gheamhradh, 'sa cheò, 'sa ghrèin... agus chìthear a h-uile rud air an làrach-lìn. Tha mi rud beag farmadach! ;-) Is toigh leam dealbhan a thogal, ach gach turas a bha mi ann an Alba na bliadhnaichean sa chaidh, bha rudeigin ceàrr leis a' chamara agam. A-nis tha e gu tur briste agus chan eil airgead agam airson fear ùr, grrr.
mona

naidheachdan

Tha mòran a' tachairt ann an coimhearsnachd Gàidhlig eadar-nàiseanta air an lìon na laithean seo. Tha am fòrum aig savegaelic.org dùinte, agus chì sinn cò paigheas $1500 airson làrach-lìon falamh le lèintean-t grod is naidheachdan aosda is dath eagallach ;-)

Dh' fhosgail dà h-àite inntinneach ùr co-dhiù, fear aig http://31.freebb.com/gaidhlig/gaidhlig.html agus fear eile (a' chiad, leis an fhìrinn) ann an "Taigh na Gàidhlig" - tha mi dhen bheachd gur e obair math a th' ann an dhà agus bidh mi ann bho àm gu àm, ach leis gu bheil a' bhòrd-bràth Gàidhlig/Gearmailtis cho trang a-nis agus mòran daoine ùra ann, cha bhi mi air na h-àitean eile cho tric. Ach air an làimh eile, bidh saor-laithean aig an oilthigh a dh' aithghearr agus is math dh' fhaodte gum bi mi air an eadar-lìon fad an latha a-rithist ;-)

Tha sinn a' faicinn mòran blogaichean ùra cuideachd, agus tha sin air leth math. Is toigh leam leughadh bho na daoine eadar-dhealaichte, bho dùthchanan is culturan eadar-dhealaichte, uile a' sgrìobhadh 'sa Gàidhlig mu 'n cuid beachdan is tachartasan. Tha Gàidhlig fìor mhath aig mòran dhe na daoine a tha ann, is gu h-àraidh tha e a' cur iongnadh orm dè cho luath a tha feadhainn ag ionnsachadh. Tha mòran daoine ag ionnsachadh leotha fhèin, gun cùrsaichean no daoine fileanta faisg orra, agus chan eil sin furasda idir.
Cùmaibh oirbh, tha sibh sgoinneil! :-)

Tha mi-fhìn càran leisg, tha mi a' faicinn air Tìr nam Blog gun tèid mòran a sgrìobhadh gach latha, is rudan inntinneach a th' annta. Feumaidh mise sgeulachd no dhà innse a-rithist cuideachd - cha do dhìochuimhnich mi gun do gheall mi sgeulachdan eile le cannabis innse ;-) Agus mhothaich mi nach do dh' innis mi mòran mun turas againn ann an Vienna 'san Dubhlachd nas motha, nàire orm. Agus tha an semester aig an oilthigh gu bhith seachad a-rithist agus bidh deuchainn anns an roinn Lochlannach agam 'sa Ghearran agus bidh co-labhairt nan oileanach "Ceilteach" 'sa Ghearmailt againn cuideachd, is feumaidh mi aiste no dhà a sgrìobhadh... aaaaah - cuidichibh mi! ;-)

Co-dhiù, sgioblaich mi an coimpiutair 's a h-uile hard disk aosda an-diugh. Tha an stuth gu lèir air an hard disk snog mòooooor ùr a thug mo chèile dhomh mar ghibht na Nollaige a-nis :-) 100 GB, cha chreid mi sin. 'S urrainn dhomh mòran sgudail a chur sìos bhon eadar-lìon a-nis, hehe. Tha a h-uile stuth bho 3 hard disks aosda ann a-nis agus tha àite falamh gu leòr ann fhathast.
Obh obh, 's e geek a th' annam gu dearbh ;-)
mona

blog ùr

cuiribh fàilte air blog ùr - thèid a sgrìobhadh le cam, beathag is ru-ra, sgioba glè mhath a-rèir coltais, agus bidh mòran rudan inntineach ri leughadh bhuapa, gu cinnteach!
mona

sàmhach

obh obh, cha do sgrìobh mi dad an-seo ùine fhada. chan eil fhios agam carson, chan eil mi cho uabhasach trang le rudan eile... leis an fhirinn innse, tha mi caran leisg na laithean seo :)
dh' èisd mi ri rud snog air radio nan gaidheal an-dè: bha còmhradh ann eadar ruairidh mac thòmais agus aonghas mac neacail anns a' phrògram "gun dèan mi rann". tha mi a' faicinn an-dràsda nach eil e ann fhathast, chuir iad prògram ùr ann. gu fortanach rinn mi... ooooh, cha do rinn mi dad, bhitheadh sin mi-riaghail, nach bitheadh? :P

tha bòrd ùr agam anns an t-seòmar agam (seadh, seòmar anns an taigh, agus bòrd fiodh, chan eil mi a' bruidhinn mu seòmraichean 'san eadar-lìon agus bòrd-bràth an-dràsda, hehe). nì mi dealbhan a dh' aithghearr, ach feumaidh mi mòran sgudal a sgioblachadh an toiseach. tha coltas snog air an seòmar suidhe againn a-nis cuideachd, ach tha an lus a bha agam air an sgeilp gu bhith marbh :( 's e gort a bh' ann, agus tha iad pàilt air a' bhalcon agam a-muigh, ach cha robh e gu math anns an t-seòmar idir. an toiseach bha eagal orm nach cuir mi uisge gu leòr air, ach an uair sin tha e coltach gun do chuir mi cus uisge air. chan eil mi math le flùraichean anns an taigh idir :(

an-diugh fon uinneig agam