:-)

buaidh eile air a' bheurla ann an saoghal nam blog: seallaibh air an taobh deas --->

ghabh mi orm a-steach ann an uamh cunnartach an "template" a-rithist agus thilg mi na uilebheistean dona - "about me" agus "view my complete profile" na h-ainmean orra - a-mach às an àite glan gàidhlig seo ;-) ha!
mona, ban-ridire phròiseil ann an strì na gàidhlig air feadh an eadar-lìn... hmmmm... an dèan mi rudeigin feumail a-nis?

4 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Cadalach

Sgoinneil! 'S math a rinn thu gu dearbh :-)

1:28 PM  
sgrìobh... Blogger Graisg

Sin thu fhèin Mhona!
Dh'fheuch mi sinn ach chuir e coltais neònach air a’ bhogsa far a bheil am pìos sgriobhaidh ud. Co-dhiù – am faca tu na craiceannan seo a chàirdean,
http://blogger-templates.blogspot.com/
Faodaidh tu na ‘scripts’ a chur annta gu math furasda cuideachd.

11:54 PM  
sgrìobh... Blogger mona

a ghraisg, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' crochadh air dhen seòrsa template a bhitheas tu a' cleachdadh... ach co-dhiù, b' urrainn dhut template gu lèir agad fhèin a sgrìobhadh ;-) tha an làrach-lìn leis na templates math, agus chunnaic mi feadhainn eile coltach ri sin cuideachd... ach is dòcha gum feuch mi template agam fhèin a chruthachadh uaireigin... obh obh, tha sin a' cur nam chuimhne na laithean mu 10 bliadhna air ais nuair a bha mi ag ionnsachdh html airson a' chiad làrach-lìn agam ;-) bha a h-uile rud cho uabhasach inntinneach. tha mi air fàs caran leisg le sin, hehe. agus chan eil mi math air CSS, java, PHP agus a h-uile stuth nua-fhàsanta idir ;-) uill, chì mi - bu chòir dhomh a bhith an sàs le rudan fada nas cudthromaiche co-dhiù... ach... is toigh leam an eadar-lìon :-D

12:14 AM  
sgrìobh... Blogger Graisg

Cuir mi air dòigh e Mhona, le taic bho Chadalach – abair gaisgeach na ‘scripts’ a th’ ann! ‘S math gu bheil an taic ‘s chomhailre aige ri fhaighinn nach e?
'ach is dòcha gum feuch mi template agam fhèin a chruthachadh uaireigin...'
Bhiodh sin inntinneach gu dearbh,
'Sgoil nam blòg' tro mheadhan na Gàidhlig air fàire?

11:51 AM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog