saor-laithean

seadh, bha mi gu math sàmhach na laithean sa chaidh. bha deuchainnean agam ach tha an semester seachad a-nis agus tha mi toilichte gu leòr (<- chan eil o chionn 's gu bheil an semester seachadh, ach o chionn 's gun robh e math! :) ).
di-ardaoin bha seòrsa chèilidh aig taigh an tidsear baltais agam, glè shnog. 's e duine glè laghach agus foghlaimte a th' ann agus tha gaol agam air na cànanan sin, gu h-àraidh latvian.
an ath-sheachdain bidh mi aig co-labhairt ceilteach anns an ostair, bhon roinn-ceilteach aig an oilthigh vienna. bidh mi toilichte mòran daoine fhaicinn air a bheil mi eòlach bhon eadar-lìon.
tha e ro theth an-seo a-rithist, feumaidh mi uachdar reòite.

ceòl na seachdaine: SONIC YOUTH (buidheann-ciùil as fheàrr san t-saoghal gu sìorraidh brath.)

2 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

Tha mi an dòchas gum bi turas math agad a Mhona. Tìoraidh.

8:38 PM  
sgrìobh... Blogger mona

oh, tha mi ann fhathast :)
ach tapadh leat, a ghraisg!

8:51 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog