Naidheachd bheag

Sgeulachd na seachdaine

Thachair rudan neònach no èibhinn an-seo an seachdain seo. Madainn Di-Màirt, sheirm clag an dorais, dh' fhosgail mi agus thàinig cuideigin suas an staidhre. "Dè tha esan ag iarraidh?" smaoinich mi. Bha e coltach gun robh e ag iarraidh rudeigin a reic.
Nuair a chunnaic e mi nam sheasamh aig an doras, thuirt e: "Madainn mhath, a bheil na pàrantan a-staigh?" :o
Bha mi gun fhacal a ràdh an toiseach, an uair sin thuirt mi: "Dè na pàrantan...?" - Dh' innis e gun robh e airson sguabadairean a reic agus dh' fhaighnich e a-rithist am b' urrainn dha bruidhinn ri mo phàrantan. "Chan eil pàrantan an-seo idir!" thuirt mi. "Oh", ars esan, "tha mi duilich, eh, an tusa, eh... sibhse... bean an taighe?" Thuirt mi gur mi, agus tapadh leibh agus tioraidh.
Gun teagamh bha an duine agam, a chuala a h-uile rud bhon t-seòmar aige, dhen bheachd gun robh sin gu math èibhinn.

An latha as dèidh sin bha dùil aig cuideigin bho chompanaidh àrachais tighinn dhan taigh againn gus bruidhinn rium mu dheidhinn rud no dhà. Bha an duine agam air bruidhinn ris mar-tha aig an oifis aige, agus dh' innis e dhan duine ud gum bithinn-sa aig an taigh an latha sin.
Sheirm clag an dorais ma-tha agus dh' fhosgail mi. "Madainn mhath", thuirt mi ris an duine, agus bha esan a' coimhead rud beag troimhe-chèile. Thug e sùil air pàipear a bha na làimh agus thuirt e: "Eh, tha mi duilich, is dòcha gu bheil mi aig an doras ceàrr..." - "Cha chreid mi gu bheil", thuirt mise, "nach eil sibh a' tighinn bhon chompanaidh àrachais...?" - "Oh, tha", ars esan, "mar sin, an e is dòcha piuthair nas sìne agaibh no cuideigin eile san teaghlach a bhitheas mi a' bruidhinn ris?" Agus leugh e m' ainm bhon phàipear aige. Thuirt mi ris gur e mise sin, agus bha e troimhe-chèile dha-rìribh.

An-diugh a-nis, bha mi aig an sgoil shònraichte far a bheil mi ag obair. Bha mi nam shuidhe anns an t-seòmar teagaisg eadar dà leasan, a' sgrìobhadh rudeigin ann am faidhlichean nan sgoilearan, nuair a thàinig balach ùr a-steach. "A bheil mi ceart an-seo airson Laideann?" dh' fhaighnich e. "Tha", arsa mise agus cùm mi orm sgrìobhadh oir bha tìde gu leòr ann gus an tòisicheadh an leasan eile. Thòisich am balach na leabhraichean aige a chur air a' bhòrd agus gu h-obann dh' fhaighnich e: "Cò ris a tha an tìdsear coltach ma-tha? An e seòrsa seann bhò a th' innte?" - "Oh, chan eil fhios 'am...", thuirt mise, "ach tha i na suidhe air do bheulaibh co-dhiù." ;P Bha an nàire air gun teagamh.

Ach tha mise air mo shàrachadh le sin. Tha fios agam gu bheil coltas nas òige orm, ach chan eil mi choooo òg >:(

Dùrachdan na Nollaige :)

Dealbh eile...


... o chionn 's gu bheil mi airson a shealltainn do chuideigin.

Dealbhan às na h-Eileanan :D

Fhuair mi cuid de na dealbhan agam bhon bhùth an-diugh :) Nach iad tha brèagha? (Seadh, tha mi caran pròiseil, hehe).
Seo an eilean Thiriodh...





Agus seo feadhainn eile à Bhatarsaigh + Barraigh:

"Wheelhouse" às an aois iarainn, agus an sealladh bhon t-sliabh sin...

Dùn ("broch") ann am Bhatarsaigh:

Agus an uair sin lean mi orm do na tràighean...:

Dathan nan eilean :D
Mona caran gòrach:
Thig tuilleadh, ach tha mi ro leisg an-dràsd' :-P

Turas a dh' Èirinn :)

Thèid mi a dh' Èirinn a-màireach, o chionn 's gum bi mi a' gabhal pàirt ann an Strokestown Poetry Festival :D Cha chreid mi gum bi cothrom sam bith agam duais fhaighinn, ach chì mi... 'S e deireadh-seachdaine brèagha a bhitheas ann co-dhiù.

Rud inntinneach a mothaich mi, 's e gun tèid mi a dh' Èirinn a chiad turas an dearbh latha a fhuair Pàdraig Pearse (gaisgeach mòr dhomh nuair a bha mi nas òige ;)) bàs o chionn 101 bliadhna, às deidh an Easter Rising ann am Baile Átha Cliatha :o

Ruigidh mi Baile Átha Cliath anmoch san oidhche a-màireach, agus tha mi an dòchas gum faigh mi lorg air an osdal-òigridh ceart gu leòr. Di-Haoine bidh ùine agam dol air turas beag tron bhaile, agus an uair sin thèid mi air a' bhus a Roscommon.

Chan eil fhios agam am bi cothrom agam dol a-steach dhan eadar-lìon an-sin, ach chì mi. Bidh mi trang gu leòr co-dhiù. Tha mi a' dèanamh fiughar mhòr ris an fhèis, ach tha mi beagan diùid cuideachd ;)

TURAS EARRAICH

air na frith-rathaidean gaineimh
eadar lochan is abhainn

a' ruith air fad a' ghàradh bruaich
mar gum b' e leinn-se a tha e

sìos do na cluaintean torrach
freumhan nan craobh a' cagar a-nios

agus tarsainn na h-aibhne
anns na tuinn, am bàta ìosal

dhachaigh a-nis tron choille bheithe

mo smuaintean a' sgaoileadh
mar blàthan nan craobh

do snodha-gàire air sgiathan eòin
tarsainn na dùthcha

fori fora forum... agus smuaintean eile

Dè tha dol leis a' bhòrd-bràth Gàidhlig eadar-nàiseanta? Tha e air falbh o chionn beagan laithean - "server is busy". Carson a tha e trang? 8)

Bha mise an sàs le duilleag aig MySpace ;)
Bha mi daonnan dhen bheachd nach toigh leam MySpace, ach chunnaic mi daoine snog ann bho àm gu àm, agus chan urrainnear teachdaireachdan a sgrìobhadh gun a bhith na bhall.

Co-dhiù 's co-dheth, tha mi fhathast ag iarraidh an làrach-lìn agam fhèin a thogal a-rithist, 's ann dìreach gu bheil mi ag iarraidh làrach àlainn, mòr, le mòran rudan inntinneach, agus chan eil tìde agam idir... no tha mi dìreach leisg, is dòcha. Ach tòisichidh mi :)

Bha e gu math teth an-seo an-diugh, tha mi an dòchas gum bi e nas fhuaire a-rithist a dh' aithghearr. Chan eil mi ag iarraidh samhradh bhon Ghiblean dhan t-Sultain :o cha bhi m' inntinn ag obrachadh gu ceart.

Nise, chuir mi romham dàn Gàidhlig a leughadh gach feasgar. Feumaidh mi aideachadh gun do chuir mi sin romham aig toiseach na bliadhna mar-tha. Haha... bidh mi fhathast a' cur seachad cus ùine air an eadar-lìon, chan eil sin cho math. Bu chòir dhomh leabhraichean a sgrìobhadh :P

Earrach :-)

Tha beusan no cleachdaidhean "prìobhaiteach" againn uile. Air mo shon-sa, tòisichidh an t-earrach nuair a thèid mi a-mach gun stocainnean a' chiad turas 'sa bhliadhna.
Bha e fuar, fuar, fuar na laithean sa chaidh, agus fliuch cuideachd. Ach an-diugh bha latha brèagha grianach ann, chaidh mi a snàmh tràth sa mhadainn, agus bha mi ann an deagh shunnd as-dèidh sin. Thàinig an GATH ùr anns a' phuist, agus leabhraichean sgoinneil bho charaid ann an Innis Tìle :-D San fheasgar bha dà sgoilear agam anns an sgoil-taic shìos sa bhaile, ach cha do nochd iad, agus mar sin shuidh mi ann an cafaidh snog agus dh' ith mi reòiteag mhòr :-P Bha mi nam shuidhe an-sin fon ghrèin mu uair a thìde, a' leughadh sgeulachdan le Aesop ann an Seann Ghrèugais. Tha mi toilichte gu bheil mi a' dèanamh fìor adhartais anns a' chànan sin, bha mi an còmhnaidh ag iarraidh a bhith comasach Seann Ghrèugais a leughadh coltach ri Laideann.
A' coiseachd dhachaigh bhon bhùth ann am beul na h-oidhche, agus an adhar fhathast blàth agus socair, thàinig seo nam inntinn:

osna mhaoth a' ghiblein òig
a' sìreadh corragan ri m' fhalt
tha a' ghaoth air leigeil às
na h-aodach gruamach geamhraidh

agus mise a' toirt fa-near
na bliadhna a' sgaoileadh
bidh an sàmhradh seo sgoinneil

(Seadh seadh, tha fios agam nach eil an Giblean ann fhathast, ach cha bhitheadh e cho snog le "osna mhaoth a' mhàirt òig :-P)