beachdan, dealbhan, sgeulachdan, sgudal agus rudan eile bho nighean neònach a' fuireach anns a' ghearmailt... tha gaol agam air gàidhlig, agus tha mi a' smaoineachadh gur e seo àite math airson a' chànain sin :)
Di-Ciadain 19mh den t-Samhain 2006
Rinn mi seo an-diugh :)
Seo a' chiad turas a dh' fheuch mi mosaic a dhèanamh :) Bha dùil agam sin fheuchainn o chionn fhada... is toigh leam gu mòr na seann mhosaicean (eeeh, an e facal Gàidhlig a th' ann idir? :D) bho àm nan Romanach mar eisimpleir. Cheannaich mi am preasa beag no sgeilp seo aig ebay agus cha robh an uachdar cho snog idir, agus smaoinich mi, hmm, seo àite snog airson mosaic. Cha robh e uabhasach doirbh, agus chan eil mi buileach toilichte a-nis, ach tha e snog gu leòr agus feuchaidh mi rudeigin eile a dh' aithghearr...
... agus sgrìobaidh mi tuilleadh air sin a dh' aithghearr (tha dùil againn blog eile a chruthachadh, le mòran dhealbhan is aithris bho na saor-laithean).
Fàilte don leabhar-latha agam :) 's e leth-Albannach, leth-Ghearmailteach a th' annam, rugadh mi 'san Damhair 1976 agus tha mi nam oileanach (cànanan Ceilteach, cànanan + cultaran Lochlannach, eachdraidh chànanan innseach-eòrpach agus seann eachdraidh/arc-eòlas) aig an oilthigh ann am Bonn. Tha gaol agam air na h-Eileanan Siar agus air a' Ghàidhlig :) agus tha ùidh agam ann am mòran chànanan agus rudan eile agus is toigh leam cabadaich air an eadar-lìon...