coille a' gheamhraidh...

thàinig rud àlainn thugam aig ceann na slighe...



rune gebo - beannachd na ban-dhia skaði.

a-raoir thuirt rudeigin thugam gum feum mi dol an-sin... baile beag cuid mhìltean bho meadhan a' bhaile. thèid mi an-sin uaireannan airson coiseachd. cha robh fhios agam an-diugh càite an tèid mi... sneachda trom anns na coilltean, sàmhachd, grìan, clann le càrn-slaoid, eòin, smaointeann, toileachas... agus an uair sin an tabhartas seo, sealladh àlainn, greiseag ciùin, guthan nam fitheach 'san adhar.

2 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger tearlach61

A Mhona,

A rèir coltas, tha an geamhradh fhathast làidir nad sgìre. An seo, tha sneachd fhathast ann ach tha a'ghrian làidir 's soilleir.

Tha sin math, oir cha robh an geamhradh cho alainn. Fluich 's dorch a'mhòr cuid a'gheamhraidh gun mòran sneachd.

D'fhuair sinn a mach rudeigin. 'S toigh le mo nighean nas òige a cluidhe taobh a-muigh gu mòr agus 's toigh leatha cluiche 'san sneachd, am beagan a th'againn fhathast. Cha robh mo nighean èile a-riamh cho deidheal ri cluiche taobh a-muigh mar a tha tè nas òige.

'S bochd nach d'fhuair sinn sneachd a bharrachd.

Chuck

1:33 AM  
sgrìobh... Blogger Graisg

dealbh math fhèin - a muigh leis na spioradean - a bheil thu fhathast gun bheairt sgrìobhaidh a Mhona?

6:51 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog