seneca agus fir glice eile

bidh na sgoilearan agam a' cur beachdan inntinneach thugam a-rithist is a-rithist. bha mi a' lorg teacsan aig cicero agus ovid air an eadar-lìon airson sgoilear laidinn agam, agus - chan eil fhios agam ciamar - thachair mi ri litrichean a sgrìobh seneca. cha do leugh mi teacsan leis riamh roimhe agus feumaidh mi sin a dhèanamh a-nis. is coltach gu bheil e uabhasach inntinneach. sgrìobh e beachdan mu bheatha agus bàs, agus ann an dòigh gu math furasda agus ealanta.

tha mi a' leughadh mòran bhàrdachd gàidhlig na laithean seo cuideachd. tha mi air leth measail air iain mac a' ghobainn agus ruairidh macthòmais.
mona

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger tearlach61

Hallo a Mhona,

Dh'fhaodhthe gu bheil thu eolach air an làrach-lin seo mar tha:

http://www.perseus.tufts.edu/cache/perscoll_Greco-Roman.html

Tha an làrach seo loma-làn de seann teacsan laidinn 's greugach. Gu mi-fhortanach, chan eil Seneca ann.

Bha mise air an làrach-linn nuair a bha ùidh a bharrachd na tha e an-dràsda ann an bith a'leughadh ann an seann greugais.

Chuck

5:14 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog