Tha e "oifigeal" a-nis :-)

http://www.strokestownpoetry.org/gearrliosta07.html

Nach mi tha troimhe-chèile. Cha robh dùil agam idir gum bitheadh sin a' tachairt, ach fhuair mi an naidheachd seo o chionn dà sheachdain, agus a-nis tha i air an lìon cuideachd :)
Seadh, thèid mi a dh' Èireann aig toiseach a' Cheitein, agus chan eil fhios agam idir idir dè bhitheas a' tachairt an-sin. Tha an t-eagal orm ;) Uill, chan eil. Cha chreid mi gum buannaich mi. Ach tha an t-iongnadh orm gu dearbh nach eil dàn sam bith eile ann an Gàidhlig na h-Alba anns a' ghearr-liosta :o Chunnaic mi anns na bliadhnaichean sa chaidh gun do gabh daoine mar A P Caimbeul no Aonghas Dubh MacNeacail pàirt anns a' cho-fharpais sin, agus sin as aobhar nach robh dùil agam idir gum bitheadh dàn bhuam-sa (chuir mi trì no ceithir pìosan a-steach) anns an liosta.

Oh, agus tha sgeulachd goirid (no chan eil e choooo goirid ;)) bhuam ann an GATH 7. Hmmmm, is dòcha gum bu chòir dhomh crìoch a chur air an oilthigh agus imrich do dh' eilean beag air chòireigin ann an Alba agus a sgrìobhadh fad an latha?

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

Sin thu fhèin Mhona! Gur e math theid leat.
Gath 7? Nach e math a bhith smaoineachadh gum bi thusa air sgeilp dustach air choireigin (fada as do dhèidh) leis a leithid Micheal K, Janni, truaghan ann an Inbhir Narann agus beagan tàlant eile. :-)

8:14 AM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog