Earrach :-)

Tha beusan no cleachdaidhean "prìobhaiteach" againn uile. Air mo shon-sa, tòisichidh an t-earrach nuair a thèid mi a-mach gun stocainnean a' chiad turas 'sa bhliadhna.
Bha e fuar, fuar, fuar na laithean sa chaidh, agus fliuch cuideachd. Ach an-diugh bha latha brèagha grianach ann, chaidh mi a snàmh tràth sa mhadainn, agus bha mi ann an deagh shunnd as-dèidh sin. Thàinig an GATH ùr anns a' phuist, agus leabhraichean sgoinneil bho charaid ann an Innis Tìle :-D San fheasgar bha dà sgoilear agam anns an sgoil-taic shìos sa bhaile, ach cha do nochd iad, agus mar sin shuidh mi ann an cafaidh snog agus dh' ith mi reòiteag mhòr :-P Bha mi nam shuidhe an-sin fon ghrèin mu uair a thìde, a' leughadh sgeulachdan le Aesop ann an Seann Ghrèugais. Tha mi toilichte gu bheil mi a' dèanamh fìor adhartais anns a' chànan sin, bha mi an còmhnaidh ag iarraidh a bhith comasach Seann Ghrèugais a leughadh coltach ri Laideann.
A' coiseachd dhachaigh bhon bhùth ann am beul na h-oidhche, agus an adhar fhathast blàth agus socair, thàinig seo nam inntinn:

osna mhaoth a' ghiblein òig
a' sìreadh corragan ri m' fhalt
tha a' ghaoth air leigeil às
na h-aodach gruamach geamhraidh

agus mise a' toirt fa-near
na bliadhna a' sgaoileadh
bidh an sàmhradh seo sgoinneil

(Seadh seadh, tha fios agam nach eil an Giblean ann fhathast, ach cha bhitheadh e cho snog le "osna mhaoth a' mhàirt òig :-P)

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger tearlach61

Chuir sin iongadh orm nach tusa a b'ann. Bha iad a-mach air còirean boireanaich 's cùram cloinne bhon stàite ann an diofar dùthchanan 's bha tè a bha seo a'mìneachadh mar a bha cùisean sa Ghearmailt. Thuirt am fear-naidheachd gur ann às a'Ghearmailt a bha i ach gu robh i san Eilean Sgiathanach aig an àm seo. Cha tuirt e gu robh i a'fuireach san Eilean Sgiathanach. Thuirt e cuideachd gur e [rudeigin] NicLeòid an t-ainm a th'oirre. Shaoil mi gur tusa a bh'ann 's gu robh thu air saor-laithean san Eilean Sgiathanach neo correigin.

'S dòcha gur i Janni neo, dhìochuimhnich mi a h-ainm, an tè eile a tha (neo bha) a'fuireach san Eilean Sgiathanach as a'Ghearmailt.

Mur b'i tusa a bh'innte, cò a bh'ann? Inntinneach.

Chuck

8:19 AM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog