foghar + àirneis-taighe ùr...

Bha mi dìreach airson beagan dhealbhan sealltainn do charaidean... na gabhaibh dragh ;-)

(Chan eil am balla 's am mullach gorm dha-rìribh, 's ann geal a tha e, rinn dealan an càmara seo.)

Brighid + Athena :-) ...agus na sgeilpichean ùra agus tha iad làn leabhraichean a-rithist.

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Daibhidh Ceannfalamh

Hallo Mona, chan fhaca mi an abairt a dh'fhag thu air mo bhlog fhein chun an-diugh. Ciamar a tha thu? De rinn thu as deidh Bearnaraigh fhagail? Ciamar a tha an Oilthigh agus saoghal nan sean chanan? Moran taing airson a' chomment, agus nam b'urrainn dhut mo bhlog a cheangail ris na feadhainn Gaidhlig eile bhithinn nad chomainn gu mor. Ged a tha an uidhear de phrablais bardachd Beurla ann nach bi e taitneach do na Gaidheal! Tha mi air comhlan-ciuil toiseachadh comhla ri Ants a bhios a' cur mo bhardachd gu feum, agus na duain Gaidhlig cuideachd. Agus tha mi fhathast a' typadh suas mo nobhail agus a' leughadh an t-Ogha Mor. Agus a bharrachd air sin, tha mi ag obair le fogarraich ann an ionad ann an Ibrox, airson coir an t-saoghail.

Bhiodh e math cluinntinn bhuat, Daibhidh

11:16 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog