foghar




tha am foghar air tighinn, agus tha mi a' faireachdainn beò a-rithist :) bha e uabhasach teth fhathast na laithean sa chaidh, ach a-nis tha an adhar gorm agus fionnar, na sùbhagan (sùbhagan-craoibh a th' annta, chan e sùbhagan-làir) dearg agus milis, agus bidh e dorcha mu leth uair an-dèidh ochd 'san oidhche mar-tha.

mar as àbhaist aig an àm seo dhen bliadhna, tha mi a' faireachdainn uabhasach math agus tha tòrr beachdan ùra a' tighinn thugam. tha mi ag iarraidh leabhraichean a sgrìobhadh (anns a' ghàidhlig cuideachd, hehe...) - o, a' chiad rud a nì mi, sgrìobhaidh mi rud mu dheidhinn gàidhlig - mu dheidhinn litreachaidh gàidhlig - airson leabhar eòlais... chaidh cuireadh a chur thugam leis na daoine aig an roinn ceiltis aig an oilthigh wien. o mo chreach, tha mi an dòchas gun tèid sin gu math... ach cha robh duine eile aca a tha eòlach air gàidhlig albannach... agus bu toigh leam sin a dhèanamh, ach tha mi an dòchas gum bi sin math gu leòr.

bu toigh leam siubhal a dh' albha a-nis, ach chan eil airgead agam idir. ach bidh coinneamh shnog le caraidean bhon eadar-lìon ann aig deireadh a' mhìos seo.
a-nochd, thèid sinn do chonsairt ann an köln, agus chì sinn mòran charaidean cuideachd. agus tha mi toilichte o chionn 's gun d' fhuair mi sgoilearan ùra an seachdain seo, tha sin a' ciallachadh -> tuilleadh airgid, hehe :)

cheannaich mi dathan airson peantadh air clò an-dè, tha mi ag iarraidh peantadh air leine-t. seallaidh mi sin dhuibh an-seo (ma chòrdas e rium...)

oh, agus tha tè ùr againn ann an saoghal nam blog: http://uidh.blogspot.com/ à kasachstan! wow! tha an gaidhealtachd air an lìon a' fàs gu math eadar-nàiseanta.

2 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

A bheil ‘dris nan smeur dubha’ agad sa Ghearmailt a Mhona, no ‘brambles’ mar a chanas iad sa Bheurla Ghallda. Tha iad uabhasach fhèin blasda ‘s feumaidh mi a ràdh gu bheil iad deiseil ann an sheo a-nis.
As t-fhoghar, tha mo fhaireachdainn gu math measgaichte. Tha fhathast feadhainn de na dathan samhrachail againn ‘s dathan ùra sa craobhan ach bidh smuain do-sheachnadh orm: ‘s e sin ri ràdh gum bi an dorchadas air fàire.

11:10 AM  
sgrìobh... Blogger mona

a ghraisg, a charaid,
tha dris nan smeur dubha againn gu leòr, gu dearbh. tha iad pailt anns na coilltean, agus tha feadhainn anns a' gharradh aig mo mhàthair cuideachd. as t-earrach cheannaich mi luibh (lus? luisreag?) bheag airson a' bhalcony agam agus thuirt iad anns a' bhuth gur e smeur dhubh a th' innte... ach nuair a bha na sùbhan a' fàs mhothaich mi gur e sùbhag-craoibh a th' innte :) tha iad gu math blàsda, milis. tha tuilleadh ag abachadh gach latha, tha iad beagan anmoch... ach bidh e ro fhuar a dh' aithghearr.

12:02 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog