Earrach :-)

Tha beusan no cleachdaidhean "prìobhaiteach" againn uile. Air mo shon-sa, tòisichidh an t-earrach nuair a thèid mi a-mach gun stocainnean a' chiad turas 'sa bhliadhna.
Bha e fuar, fuar, fuar na laithean sa chaidh, agus fliuch cuideachd. Ach an-diugh bha latha brèagha grianach ann, chaidh mi a snàmh tràth sa mhadainn, agus bha mi ann an deagh shunnd as-dèidh sin. Thàinig an GATH ùr anns a' phuist, agus leabhraichean sgoinneil bho charaid ann an Innis Tìle :-D San fheasgar bha dà sgoilear agam anns an sgoil-taic shìos sa bhaile, ach cha do nochd iad, agus mar sin shuidh mi ann an cafaidh snog agus dh' ith mi reòiteag mhòr :-P Bha mi nam shuidhe an-sin fon ghrèin mu uair a thìde, a' leughadh sgeulachdan le Aesop ann an Seann Ghrèugais. Tha mi toilichte gu bheil mi a' dèanamh fìor adhartais anns a' chànan sin, bha mi an còmhnaidh ag iarraidh a bhith comasach Seann Ghrèugais a leughadh coltach ri Laideann.
A' coiseachd dhachaigh bhon bhùth ann am beul na h-oidhche, agus an adhar fhathast blàth agus socair, thàinig seo nam inntinn:

osna mhaoth a' ghiblein òig
a' sìreadh corragan ri m' fhalt
tha a' ghaoth air leigeil às
na h-aodach gruamach geamhraidh

agus mise a' toirt fa-near
na bliadhna a' sgaoileadh
bidh an sàmhradh seo sgoinneil

(Seadh seadh, tha fios agam nach eil an Giblean ann fhathast, ach cha bhitheadh e cho snog le "osna mhaoth a' mhàirt òig :-P)

Tha e "oifigeal" a-nis :-)

http://www.strokestownpoetry.org/gearrliosta07.html

Nach mi tha troimhe-chèile. Cha robh dùil agam idir gum bitheadh sin a' tachairt, ach fhuair mi an naidheachd seo o chionn dà sheachdain, agus a-nis tha i air an lìon cuideachd :)
Seadh, thèid mi a dh' Èireann aig toiseach a' Cheitein, agus chan eil fhios agam idir idir dè bhitheas a' tachairt an-sin. Tha an t-eagal orm ;) Uill, chan eil. Cha chreid mi gum buannaich mi. Ach tha an t-iongnadh orm gu dearbh nach eil dàn sam bith eile ann an Gàidhlig na h-Alba anns a' ghearr-liosta :o Chunnaic mi anns na bliadhnaichean sa chaidh gun do gabh daoine mar A P Caimbeul no Aonghas Dubh MacNeacail pàirt anns a' cho-fharpais sin, agus sin as aobhar nach robh dùil agam idir gum bitheadh dàn bhuam-sa (chuir mi trì no ceithir pìosan a-steach) anns an liosta.

Oh, agus tha sgeulachd goirid (no chan eil e choooo goirid ;)) bhuam ann an GATH 7. Hmmmm, is dòcha gum bu chòir dhomh crìoch a chur air an oilthigh agus imrich do dh' eilean beag air chòireigin ann an Alba agus a sgrìobhadh fad an latha?

Nach mise tha leisg...

... na laithean seo. Bhitheadh mòran agam ri innse, bha mi anns an Fhraing aig deireadh a' Ghearrain, agus tha naidheachd eile no dhà ann cuideachd. Chan ann gu bheil mi uabhasach trang, chan eil fhios 'am. Tha saor-laithean aig an oilthigh, agus bu chòir dhomh mòran rudan a dhèanamh, ach chan eil mi ag iarraidh ach cadal agus coiseachd agus èisdeachd ri ceòl snog. Oh, bruidhinn air ceòl, thig an clàr ùr aig Julie Fowlis a dh' aithghearr! :D