Rinn mi seo an-diugh :)

Seo a' chiad turas a dh' fheuch mi mosaic a dhèanamh :) Bha dùil agam sin fheuchainn o chionn fhada... is toigh leam gu mòr na seann mhosaicean (eeeh, an e facal Gàidhlig a th' ann idir? :D) bho àm nan Romanach mar eisimpleir. Cheannaich mi am preasa beag no sgeilp seo aig ebay agus cha robh an uachdar cho snog idir, agus smaoinich mi, hmm, seo àite snog airson mosaic. Cha robh e uabhasach doirbh, agus chan eil mi buileach toilichte a-nis, ach tha e snog gu leòr agus feuchaidh mi rudeigin eile a dh' aithghearr...

foghar + àirneis-taighe ùr...

Bha mi dìreach airson beagan dhealbhan sealltainn do charaidean... na gabhaibh dragh ;-)

(Chan eil am balla 's am mullach gorm dha-rìribh, 's ann geal a tha e, rinn dealan an càmara seo.)

Brighid + Athena :-) ...agus na sgeilpichean ùra agus tha iad làn leabhraichean a-rithist.
Hmm, feumaidh mi sgeilp eile airson a h-uile clàraichean... ;-) Agus fraigh dhan dealbh (seann mhapa Breatainn is Èirinn), ach tha e cho mòr.


Sealladh bhon t-seòmar-suidhe dhan "leabhar-lann" ;-)

"Oisean an oifis" - an sgudal àbhaisteach... ach ann an sgeilpichean a-nis :-D
Agus fhuair mi monitor ùr bhon duine agam, tha mi choooo toilichte.




Bha sinn ann an Alba...

... agus sgrìobaidh mi tuilleadh air sin a dh' aithghearr (tha dùil againn blog eile a chruthachadh, le mòran dhealbhan is aithris bho na saor-laithean).