samhradh anmoch

Tha an samhradh seachad, ach an seachdain seo tha e cho blàth a-rithist 's nach cuir mi orm ach lèine-T, briogais anairt aotrom is brògan clòtha no flip-flops fiù's nuair a thèid mi a-mach anmoch 'san oidhche. Tha na laithean a' fàs nas giorra a-rithist, agus bidh co-fhad-thràth an t-fhoghair ann a dh' aithghearr.
Tha mi rud beag feargach leam fhìn, chan eil fhios agam carson. Uaireannan bidh mi a' smaoineachadh gu bheil mi ro leisg, uaireannan bidh mi a' faireachdainn gu bheil mi ro thrang. Chan eil aobhar ann a bhith mi-thoilichte, agus chan eil feum ann am farmad... ach co-dhiù... :-)
Bidh mo chèile air falbh beagan laithean (obair), agus cheannaich mise rudan aig IKEA a thig Di-Màirt, agus tha mi an dòchas gun tèid agam ris a h-uile rud a chur air dòigh, airson iongnadh a chur air-san ;-) Tha esan chooooo leisg, bu toigh leis airneis-taighe ùr ach cha toigh leis dol dhan bhùth agus smaoineachadh dè na rudan as fheàrr a.m.s.a.a. Mar sin, bidh preasa-aodaich ùr ann nuair a thilleas e :-P

turas sgoinneil + foghar grianach

Tha mi dìreach air tilleadh à Lietuva - abair turas inntinneach, abair dùthaich àlainn. Sgrìobhaidh mi tuilleadh nuair a bhitheas na dealbhan deiseil. Tha mi an dòchas gum bi iad math, cha robh ach camara beag sgudalach agam :/

Ràinig mi an taigh tràth 'sa mhadainn an-dè, chadail mi beagan uairean a thìde, agus an uair sin chaidh sinn a-mach dhan choille, agus dhan zoo :) Tha zoo snog ann anns a' bhaile seo, air sliabh chnuic le gleanntan beaga, le mòran chraobhan. Tha roinntean mòra aig na beathaichean, chan eil iad ann an cliabhan no taighean beaga. Is toigh leam sin. Bha latha àlainn againn gu dearbh, bha e grianach is blàth, ged a tha an samhradh seachad a-nis agus tha an adhar fuar 'sa mhadainn. Bha an zoo loma-làn daoine, gu h-àraidh le clann :)
A-nis, air ais dhan obair airson dà sheachdain trang, gus an tèid mi air turas eile (nàire orm, a' siubhal an-siud 's an-seo fad an t-samhraidh ;)) - a dh' Alba a-rithist, dhan Eilean Sgitheanach.

ronia








Nach mi tha toilichte :-) Bha mi a' coimhead air làrach-lìn Lietuvos radija ir televizija (radio + telebhisean ann an Lithuania), agus mhothaich mi gun robh iad air "Ronja" le Astrid Lindgren a chraoladh mar phrògram chloinne an seachdain sa chaidh agus an seachdain roimhe. Seo an leabhar a b' fheàrr leam dha-riribh nuair a bha mi nam nighean bheag, leugh mi e iomadh turas agus tha mi fhathast a' smaoineachadh gur e leabhar sgoinneil is cudthromach a th' ann. Tha mi air a leughadh ann an Suainis (mar a chaidh a sgrìobhadh le Astrid Lindgren) cuideachd, agus bu toigh leam fhaicinn 'sa Ghàidhlig... ach sin sgeul eile ;-) Co-dhiù, dè rinn mi ach am prògram ud a shàbhaladh dhan choimpiutair agam, agus tha mi ag èisdeachd ris fad an fheasgair. Tha e glè shnog, mar dhealbh-chluiche, le guthan eadar-dhealaichte agus fuaimnean eile agus beagan chiùil an-siud is an-seo, agus bha iongnadh orm cia mheud a bha mi a' tuigsinn gu dearbh. Gun teagamh, tha mi gu math eòlach air an sgeul - bha mi fiù 's a' mothachadh càit an do dh' atharraich is gheàrr iad i ;-) Tha guth na h-ighne bige cho milis. Cuiridh mi sin air a' chluicheadair MP3 agam... agus tha sin dìreach feumail airson brosnachadh a chur thugam fhèin, o chionn 's gun tèid mi a Liotuainia Di-Màirt... agus mu dheireadh thall tha mi gu bhith a' creidsinn gum bi mi ceart gu leòr leis a' chànan an-sin ;-)