leabhar ùr, oidhche chiùin, ceòl àlainn, agus fìon dearg à gloinne uisge-beatha


Sin mar a tha e. Tha na gloinneanan fhìon uile salach, agus bha mi ro leisg gus an glanadh. Coma leam-sa. Tha am fìon ceart gu leòr, La cuvée mythique, agus cheannaich mi e o chionn 's gun do chòrd an dealbh leis a' chailleach-oidhche air a' bhotail rium ;-) Slàinte mhath, agus tha an deireadh-seachdaine ann, ha!

Ràinig leabhar-ionnsachaidh Lithuanian an-diugh - mu dheireadh thall, bha mi a' feitheamh ris choooo fada. Uill, 5 laithean, leis an fhìrinn innse. Cheannaich mi air ebay e, ach bha mi ga iarraidh o chionn fhada. 'S ann dìreach gu bheil e uabhasach daor, leis na clàran is tèipichean co-dhiù. Ach tha e math. Tha mi air Lithuanian gu leòr ionnsachadh le seann leabhar aig an oilthigh, ach cha robh stuth airson èisdeachd ann, agus sin an rud as cudthromaiche. Chan eil mòran ghràmair anns an leabhar ùr, no tha mi eòlach air co-dhiù, ach tha e uabhasach feumail airson comhradh simplidh, an cànan mar a tha e ga bhruidhinn na laithean seo. Sin na bha a dhìth orm.

Bha mi a' faireachdainn rud beag fogharach (hehe, chruthaich mi facal ùr) an-diugh agus thòisich mi ri ceòl freagarrach a lorg... Tha mi ag èisdeachd ri Mazzy Star, Cocteau Twins, Slowdive, Faith and Disease, Merry November, Kirlian Camera, agus rudan mar sin fad an fheasgair :-)
An rud a tha a' cur dragh orm - chan urrainn dhomh èisdeachd ri ceòl agus ri clàr chànain aig an aon àm, grrr... ;-) Bhitheadh inntinn stereo glè fheumail gu dearbh.

dè tha dol?

Uill, tha mi fhathast a' faireachdainn gum bi mi a' ruith agus uabhasach trang fad an latha. Bha mòran rudan agam ri dhèanamh as-dèidh dhomh tilleadh à Alba, agus chan eil mi deiseil leotha fhathast. Ach co-dhiù, tha an t-sìde nas fheàrr, tha an teas air falbh, agus tha mi a' faireachdainn anail an fhoghair anns an adhar 'sa mhadainn.
Aig toiseach an t-Sultainn thèid mi a Lithuania airson seachdain, agus tha an t-eagal orm rud beag, hehe ;-) Uill, chan eil dha-riribh, ach bidh an turas glè inntinneach, agus tha mi an dòchas gun tèid agam ri beagan Lithuanian a bhruidhinn... Bidh mi a' coinneachadh ri daoine air a bheil mi eòlach bhon eadar-lìon.

Sgrìobh mi sgeulachd eile 'sa Ghàidhlig, a bhitheas ri leughadh ann an GATH 6. Tha mi ag iarraidh mòran rudan eile a sgrìobhadh, ach tha leisgeulan gu leòr agam... ;-)

obair is oidhcheanan fada

Ceart, thill mi à Alba agus bha mi uabhasach trang a-rithist an dearbh latha. Bha sgoilearan gu leòr agam, deugairean a nì deuchainn shònraichte a-nis aig toiseach an t-semester ùr o chionn 's nach robh iad math gu leòr anns an t-semester 'sa chaidh, agus mur a bheil iad airson dol do chlas nas ìsle, feumaidh iad an deuchainn seo a dhèanamh.
Chuir mise cuideachadh do cheathrar, triùir nighean agus balach, tro saor-laithean an t-samhraidh, le ullachadh airson na deuchainn seo.

Bha nighean ann an clas 8 (clas 2 àrd-sgoil) ann, a nì an deuchainn ann an Laideann an-diugh. Bha i air Laideann ionnsachadh dà bhliadhna, ach cha robh i air tuigsinn dad sam bith! Mar sin, bha 6 seachdainean againn (agus mise ann an Alba dà sheachdain ann am meadhan nan saor-laithean sgoile) gus sin atharrachadh. Rinn sinn obair mhòr, nam bheachd-sa, bha an nighean fhèin uabhasach trang, agus tha mi an dòchas gun tèid an deuchainn aice an-diugh gu math, oir bha an t-eagal mòr oirre.

Bha nighean eile agam, ann an clas 10, a bha airson deuchainn ann am matamataics a dhèanamh, gus an ceum aice (fàgaidh i an sgoil) a chur am feabhas. Cha robh i cho dona idir, bha i air a bhith tinn gu tric anns an t-semester sa chaidh agus mar sin bha rud no dhà ann nach do thuig i math gu leòr san sgoil agus sgrìobh i deuchainnean dona ma-tha.

Bha balach ann le trioblaid leis a' chuid Ghearmailtis, o chionn 's gu bheil a phàrantan às na h-Innseachan, bha e glè shnog is trang gu leòr. Agus bha nighean eile ann a bha ag iarraidh deuchainn a dhèanamh ann am Beurla is Fraingis - cha b' urrainn dhomh a cuideachadh mòran le Fraingis (ged a chuir mi rudan dhi airson gràmar a chur an cleachdadh) ach chuidich mi le Beurla i agus tha mi cinnteach gun dèan i gu math, ged a tha e doirbh gu leòr an deuchainn shònraichte seo a dhèanamh ann an dà chuspair!

Mar sin, tha mi an dòchas gun cuir iad uile fòn thugam an-diugh no a-màireach agus gun innis iad dhomh gun deach a h-uile rud gu math. Bidh mi moiteil asta ma-tha :)

Bha mi caran proiseil leam fhìn cuideachd anns na laithean sa chaidh - tha mi air mòran rudan a sgrìobhadh, aiste no dhà airson an oilthigh agus rudan air mo shon fhèin, chuir mi crìoch air sgeulachd agus thòisich mi tè eile, rinn mi rannsachadh air cuspair no dhà agus thòisich mi sin a sgrìobhadh... an aon trioblaid a th' ann, bidh a h-uile rud seo a' tachairt ann am meadhan na h-oidhche, agus chan fhaigh mi cadal gu leòr idir ;)
Is toigh leam sgrìobhadh 'san oidhche! Is toigh leam gu mòr a bhith nam shuidhe aig a' choimpiutair gu math fhada, can gu meadhan-oidhche, agus èisdeachd ri ceòl, cabadaich ri caraidean air an eadar-lìon, agus an uair sin, uaireigin as-dèidh meadhan-oidhche, bidh mi a' faireachdainn mar gum bitheadh rudeigin a' tionndadh no a' fosgladh, agus bidh beachdan math agam, beachdan nach robh agam roimhe, thig na faclan gu furasda is gu luath, cuiridh mi crìoch air rudan a bha air a' choimpiutair agam ùine fhada, agus mar sin air adhart. Feumaidh mi ceòl àrd neònach agus seòclaid no briosgaidean no rudeigin eile blàsda mi-fhallain le sin, uaireannan bidh gloinne fìona dearb agam cuideachd ;)
A-raoir bha mi nam shuidhe mar seo gu bhith gu trì sa mhadainn. Mu dheireadh thall thàinig an duine agam a-steach dhan t-seòmar agam, bha e air a bhith na chadal, agus thuirt e: Nach tu tha craicte! An e taibhse na h-oidhche a th' annad?
Agus bha agam ri èirigh eadar 7 is 8 uairean an-diugh, airson fòn a chur ris an ceann-àrd agam aig an sgoil choimpiutair agus faighinn a-mach cuin a bhitheas mi ag obair.