beagan dhealbhan às na h-eileanan siar :)

Mu dheireadh thall tha na dealbhan ag obrachadh an-seo a-rithist. Seo sealladh no dhà bhon eilean Bhearnaraigh (Uibhist a Tuath) far an do chuir mi seachad deireadh-seachdaine brèagha, fad 's a bha mi air a' Ghaidhealtachd airson cùrsa Gàidhlig agus co-labhairt. Innsidh mi dhuibh tuilleadh air na tachartasan seo a dh' aithghearr. Tha mi dìreach air tilleadh dhachaigh agus tha mi gu math trang a-rithist leis an obair agam.






teas


Seo mar a bha e tràth 'san fheasgar an-diugh :P 37 no 38°C, agus cha tig mòran grian dhan oisean sin idir.
Agus feumaidh mi obair fad an latha agus siubhal tron bhaile air a' bhus, cha toigh leam sin idir. Tha mi cho toilichte gun tèid mi a dh' Alba Di-Sathairne! :D