cothrom èisdeachd

Thachair mi ri rudeigin snog an-seo: http://www.gaelstream.ca Tha mòran stuth inntinneach ann. Is toigh leam na sgeulachdan :-)

Chan eil mòran naidheachd eile agam. Bu toigh leam cuid dhealbhan a chur ann an-seo a-rithist, ach chan eil dad sam bith inntinneach agam... Bu chòir dhomh am film bho Ibiza (a tha anns a' chàmara fhathast) a thoirt dhan bhùth mu dheireadh thall, gum faigh mi na dealbhan sin... Tha mi an dòchas gum bi cuid dhiubh snog :-)

aimsir neònach

Tàirneanach is dealanach 'sa mhadainn! Abair toiseach seachdaine ;-) Gah, cha toigh leam dol dhan oilthigh ann an sìde mar sin, ach co-dhiù... Bha mi gu math toilichte leis an deireadh-seachdaine, cha robh mi ro thrang, ach rinn mi rud feumail no dhà airson an oilthigh agus bha sinn a' coiseachd cuideachd...
An seachdain 'sa chaidh bha òraidean inntinneach ann aig an oilthigh, ghabh an t-ollamh Anders Ahlquist òraid air deasachadh teacsan Seann Ghàidhlig Di-Ardaoin, agus bha buth-obrach le òraidean eile air deasachadh teacsan bho na Meadhan Aoisean ann Di-Sathairne. Bha sin èibhinn, cha robh ach triùir oileanach ann, ged a bha ollaimh à iomadh roinn a' bruidhinn, agus an triùir againn uile às an roinn Ceiltis. Feumaidh gun robh an t-ollamh againne caran pròiseil, bhitheadh e a' bruidhinn ruinn gu tric eadar nan òraidean, agus ann an dòigh gu math laghach nach àbhaist dha, haha.
Och, nach feumail a tha a' Ghàidhlig airson gobaireachd ;-)

chan eil dad ri fhaicinn an-seo :-P

Bha dealbh gòrach ann an-seo ach tha e air falbh ;-) Bha mi dìreach ag iarraidh mo bhrògan ùra a a shealltainn ri mo bhan-charaid Janni... cha robh sin cho cudthromach.

chan eil mòran naidheachd ann...

Bha dùil agam sgeulachd no dhà a sgrìobhadh an-seo, ach leis an fhìrinn, tha mi ro leisg ;-) Cha toigh leam suidhe aig a' choimpiutair cho tric na laithean seo. Is fheàrr leam leabhraichean snog a leughadh as-dèidh latha fada...

dùrachdan à eivissa :-)

tha mi a´sgrìobhadh thugaibh a-nochd bhon eilean seo anns a´mhuir mheadhanach. bidh mi an-seo gu di-domhnaich còmhla ri mo chèile a tha an-seo airson coinneamh le daoine bhon chompanaidh.
bha dùil agam gum bitheadh e gu math grianach is blàth an-seo, ach nuair a ràinig sinn bha an t-eilean fo sgòth, agus beagan uisge ann. an-dràsda san fheasgar tha a´mhuir glas is fiadhaich, na tonnan a´ruith mar eich gheala... cho brèagha! :-)
grrr, chan eil an coimpiutair seo uabhasach math. sgrìobhaidh mi tuilleadh a-màireach.