Seann Ghrèugais

Tha mi air rud ùr a thoiseachadh:
http://nikostrate.blogspot.com - seo am blog Seann Ghrèugais agam, Seann Ghrèugais tro mheadhan na Gàidhlig. Is toigh leam gu mòr an cànan seo agus bha daonnan dùil agam ionnsachadh. Cha robh e mar chùspair ceart aig an sgoil agam, ach bha seòrsa buidheann no club ann... ach cha deach mi ann gu tric. A-nis aig an oilthigh, tha mi a' smaoineachadh gum bitheadh e feumail nam bitheadh Seann Ghrèugais agam, oir tha mi ag ionnsachadh seann chànanan eile, Seann Ghàidhlig is Seann Lochlannais, mar eisimpleir, agus gun teagamh tha iad uile ceangailte.
Ach tha mi choooo leisg - mar sin bha mi a' lorg dòigh snog is freagarrach airson beagan Seann Ghrèugais ionnsachadh. Is toigh leam an eadar-lìon agus tha mi ann gu tric, 's urrainn dhomh dol ann bhon obair is bhon oilthigh cuideachd... mar sin, thoisich mi am blog ud. Tha dithis eile le Gàidhlig, Chuck à Alasca agus Ulli às a' Ghearmailt, airson beagan Seann Ghrèugais ionnsachadh cuideachd agus tha mi an dòchas gum bi sin feumail dhuinn. Ma tha ùidh agaibh ann - thoiribh sùil a-steach! :-)

obair is saor-laithean

Math dh' fhaodte gun robh cuid dhiubh a' smaoineachadh: Dè tha ceàrr le Mona, carson nach do sgrìobh i an-seo o chionn greis?
Uill, a' chiad adhbhar: Bidh deuchainn cudthromach agam aig an oilthigh an 28mh latha dhen mhìos seo agus feumaidh mi ionnsachadh. Ach leis an fhìrinn innse... chan eil mi uabhasach trang le sin ;-) Bidh mi ag ionnsachadh rud beag airson uair a thìde gach madainn a-nis. An-dèidh sin, bidh mi a' cabadaich air Skype ri ban-charaid a tha ag ionnsachadh Gàidhlig cuideachd. Tha saor-laithean aig an oilthigh, chan eil agam ri siubhal ann gach latha. Ach feumaidh mi obair mòran. Gach turas a bhitheas saor-laithean againn aig an oilthigh, cha bhi saor-laithean agam dha-riribh, oir 's urrainn dhomh obair tuilleadh an uair sin. Feumaidh mi obair co-dhiù, oir tha agam ris a h-uile càil a phàigheadh leam fhìn - chan fhaigh mi taic sam bith bho duine no àite oifigeal sam bith. Gu fortanach, bidh mo chèile a' pàigheadh a' mhòr-chuid dhen mhàl agus biadh. Ach feumaidh mi 750 € a phàigheadh gach semester aig an oilthigh. Agus feumaidh mi leabhraichean is rudan eile, agus bho àm gu àm tha mi ag iarraidh dol a dh' Alba ;-)
Tha mi ag obair mar thidsear no neach-taic do sgoilearan. Tha mi a' teagasag cùrsaichean choimpiutair is cànan (Gearmailtis) do inbhich cuideachd, ach 's ann le clann a tha mòr-chuid an obair agam. Chan eil an seòrsa obair seo cho àbhaisteach ann an Alba no Sasainn, tha mi a' smaoineachadh (chan eil fhios agam mu Aimeirigea): Bidh mòran pàrantan an-seo 'sa Ghearmailt a' pàigheadh cuideigin - oileanach mar eisimpleir - airson leasanan-taic a thoirt don chlann mura bheil iad a' dèanamh cho math san sgoil. Mar as àbhaist, thèid an duine no tè dhan taigh do thaigh an teaghlaich turas no dhà gach seachdain, airson cuideachadh leis an obair-dhachaigh, rudan doirbhe a mhìneachadh etc.
Thòisich mi-fhìn leis an obair seo nuair a bha mi fhathast 'san sgoil, bhithinn ag obair le clann nas òige. A-nis, tha mi air an obair seo a dhèanamh 13 no 14 bliadhna agus bidh mi ag obair le clann òga is sgoilearan àrd-sgoil, le oileanaich is inbhich. 'S ann le Laideann, Gearmailtis is Beurla a bhitheas mi a' toirt cuideachadh do na sgoilearan mar as trice, ach cuideachd le Matamataigs no cùspairean eile ma tha sin a dhìth orra.
Is toigh leam an obair seo, oir is toigh leam cànanan a theagasg agus is toigh leam faicinn mar a tha daoine a' fàs nas fheàrr agus ag ionnsachadh agus a' fàs toilichte leotha fhèin. Ach uaireannan bidh sgoilearan dìreach uabhasach agam - no pàrantan dìreach uabasach... bhitheadh iomadh sgeul agam, ach is dòcha nach eil sin cho inntinneach dhuibh.
Co-dhiù, tha sgoilearan gu leòr agam na laithean seo, agus tha sin math o chionn 's gu bheil mi a' faighinn airgead gach latha, ach tha mi gu math trang cuideachd. Chan e dìreach gun tèid mi ann agus nì mi an leasan leotha - feumaidh mi rudan freagarrach a lorg cuideachd, à leabhraichean, no sgrìobhaidh mi-fhìn rudan a bhitheas feumail dhaibh, is bidh mi a' lorg teacsan inntinneach air an eadar-lìon.
Tha triùir agam aig a bheil trioblaid mòr le Laideann, agus tha iad anns an 6mh bliadhna 'san àrd-sgoil, tha sin a' ciallachadh gu bheil iad air Laideann ionnsachadh 4 bliadhna, ach is coltach gun robh iad nan cadal fad na h-ùine ;-) - chan eil gràmar sam bith aca, agus a-nis thòisich iad teacsan eachdraidh is bàrdachd Laideann a leughadh san sgoil. Mar sin, tha tòrr agam-sa ri dhèanamh air an son.
Ceart ma-tha, tha beagan fhios agaibh a-nis dè tha dol aig Mona :-)