oidhche challainn :-)

tha mi an dòchas gum bi oidhche snog agaibh (le deoch gu leòr no na thogras sibh...) agus gun toisich bliadhna mhath ùr dhuibh! :-)

cha bhi mi-fhìn trang an-diugh, tha dùil agam rudan beaga a dhèanamh an-siud 's an-seo 'san taigh (tha sinn fhathast an sàs le àirneis ùr agus rudan a ghluasad mun cuairt...) agus 'san fheasgar coinnichidh sinn ri caraidean agus thèid sinn dhan taigh-dhealbh - bidh sinn a' coimhead air harry potter :-D an uair sin thèid sinn dhan taigh-seinnse èireannach/albannach agus gabhaidh sinn leann ubhal no tè bheag no dhà... :-)
slàinte mhath!

mill a h-uile blog >:-|

gaaah, sgoinneil. dh' fheuch mi rudeigin ùr leis an template, agus chan eil e ag obrachadh. ma thigear do theachdaireachd air choreigin an-seo mar eisimpleir bho thir nam blog, chithear ceangail leis na faclan "sgrìobh do bheachd" agus "air ais dhan bhlog" fon sgrìobhadh bhuam, ach chan eil an ceangal aig "sgrìobh do bheachd" ag obrachadh. tha am fear eile ceart gu leòr. dh' atharraich mi na faclan oir bha beurla ("home") agus gearmailtis ("kommentar einfügen" no rudeigin) ann. ach rinn mi rudeigin ceàrr leis an càc... eeeeh, leis an code anns an template. cha bhi sin ann nuair a thig cuideigin bho phrìomh-dhuilleag a' bhloig... bidh na freagairten ag obrachadh ceart gu leòr an uair sin oir tha duilleag eile ann, an tè gheal.
a bheil sibh gam thuigsinn? grrr. thug mi sùil air na source codes aig daoine eile, ach cha robh mi a' tuigsinn dè rinn mi ceàrr. tha sin rud beag doirbh o chionn 's gu bheil an source code eadar-dhealaichte bhon template... tha cus stuth sònraichte ann a tha a' buinneadh don dearbh dhuilleag a tha ri faicinn.
a bheil comhairle aig duine sam bith?

hehe, nach math gu bheil mi nam shuidhe anns an oifis gòrach seo 4 uairean a thìde gach latha agus chan eil dad feumail agam ri dhèanamh :-P
ach thèid mi do IKEA 'san fheasgar an-diugh... :-D

ma tha sibh airson rudeigin inntinneach (agus tàmailteach) a leughadh mu phoileataics chànan, rachaibh dhan blog aig graisg...!

ceart ma-tha...

tha sgeulachdan gu leòr agam ri innse ;) dè tha sibh ag iarraidh an toiseach? aithris bho na saor-laithean ann am wien? sgeul na nollaige? sgeul eile mu channabis? ;)
chì sinn...

tha laithean saora agam a-nis agus tha mi an dòchas nach bi mi ro leisg.

agus seo gleann a' cheò...


... ann am meadhan a' gheamhraidh ;)

thòisich na bruadaran a-rithist...

canaidh sinn "rauhnächte" ris na 12 no 13 oidhchean an-dèidh meadhan a' gheamhraidh (no an-dèidh na nollaige, a-rèir beus crìosdail). 's iad oidhchean làn dhraoidheachd. anns na seann laithean, chuir fear an taighe beannachd air a' chrodh anns an àm seo, agus cha robh e ceadaichte obair nighe no snìomh a dhèanamh. bha na daoine a' smaoineachadh gun robh an "wilde jagd" a-muigh, tha seo beagan coltach ri oidhche shamhna anns a' ghaidhealtachd: bidh dorsan dhan t-saoghal eile fosgailte, bidh na marbh a' tighinn dhan t-saoghal againne, bidh "frau holle", a tha co-cheangailte ri seann mna-dìa mar "holda" no "hel", a' coiseachd faisg air na bailtean còmhla ri spioraidean na cloinne marbh, agus is urrainn do na beathaichean bruidhinn, gum bi na daoine gan tuigsinn, agus is dòcha gum bi iad ag innse rudeigin mun àm ri teachd.

dhomh-fhìn tha na bruadaran as cudthromaiche... tòisichidh iad gach bliadhna mun àm seo... cha bhi mi riamh cinnteach dè an latha, ach thig iad, agus bidh iad ann airson seachdain no nas fhaide, gach oidhche nam chadal... bruadaran làidir, soilleir, neònach, àlainn, eagallach, annasach, troimhe-chèile... mar nach eil iad riamh aig àm eile dhen bhliadhna. feumaidh mi a bhi faiceallach nach dìonchuimhnich mi iad ro luath 'sa mhadainn, oir uaireannan innsidh iad dhomh rudan gu math inntinneach - mu mo dheidhinn, mun t-suidheachadh anns a bheil mi, mun bheatha agam, mu cheistean a bha mi a' cur air falach ann an oisean m' inntinn...
chan innis mi dè bha annta a-raoir agus an oidhche roimhe, ach tha mi toilichte gu bheil iad ann.

ceangail

chuir mi cuid cheangail ùra ann do bhlogaichean eile... ma tha blog gàidhlig agaibh agus mura bheil sibh a' faicinn ceangal thugaibh an-seo, sgrìobhaibh thugam! gu tric chì mi blogaichean ùra a' nochdadh agus bidh mi a' smaointinn "oh nach math a tha sin", ach dìochuimhnichidh mi ceangal a chur ann an-seo.
oh, agus tha na rionnagan (* * *) a' ciallachadh gu bheil na blogaichean sin a' còrdadh as fheàrr rium - chan eil sin a' ciallachadh gu bheil an fheadhainn eile dona idir!!! ach sin an fheadhainn as fheàrr leam-sa :)

meadhan a' gheamhraidh

... agus tha an cnatan orm. feumaidh gun do ghabh mi ann an wien e, oir bha e gu math fuar agus gaothach agus bha sinn a-muigh fad na h-ùine. gu fortanach, chan eil agam ri obair mòran an seachdain seo agus bidh deireadh-seachdaine snog ciùin againn...
innsidh mi dhuibh uair eile ciamar a bha e ann an wien, agus feumaidh mi innse rud beag mu bheachdan ùra a tha agam airson rudan co-cheangailte ri gàidhlig... :) ach tha mo cheann gu math falamh a-nochd.

cuimhne cuimhne dìochuimhneachadh...

(chuir mi cuid rann air falbh an-seo air sgàth 's gun do chuir mi a-steach do cho-fharpais bhàrdachd iad)


bainne dubh na mochthrath
òlaidh sinn e 'san fheasgar, 'sa mhadainn, 'san oidhche
...

(paul celan)

dealbhan à wien / vienna

sgrìobhaidh mi tuilleadh dha na dealbhan seo uair eile, tha mi dìreach airson an sàbhalach àiteigin an-dràsda oir tha dùil agam an camara a chleachdadh a-rithist a-màireach :)





saor-laithean beaga / leabhraichean

Bidh sinn ann am Wien bho a-màireach gu Di-Luain an ath-sheachdain :) Bidh sinn a' fuireach aig caraidean agus tha an t-eadar-lìon aca cuideachd, ach cha chreid mi gum bi mi ann gu tric... tha sinn ag iarraidh fois agus spòrs. Tha dùil agam dealbhan-camara a thogal, agus is dòcha gun cuir mi feadhainn ann an-seo fad 's a bhitheas mi an-sin (mura dìochuimhnich mi a-màireach an camara a chur anns a' bhaga, haha).

Rud eile, chuir cuideigin aig an oilthigh leabhar-ionnsachaidh Gàidhlig thugam air nach robh mi eòlach roimhe: "Can Seo". Tha e gu math aosda, ach inntinneach gu leòr airson luchd-toiseachaidh, ged nach eil fhios agam a bheil e fhathast ri faighinn idir. Tha tèipichean ann cuideachd a tha gu math snog.
Ach an rud as inntinniche dhomh: an toiseach cha robh mi cinnteach dè bha ann a chòrd rium mu shealladh an leabhair... ach mu dheireadh thall mhothaich mi - tha tiotal Gàidhlig air! Chan eil mi eòlach air leabhar-ionnsachaidh eile idir - oh, tha e dìreach a' tighinn do m' inntinn, tha "Cothrom Ionnsachaidh" le Ronald Black ann cuideachd!!! - ach chan eil mi eòlach air leabhar eile le tiotal Gàidhlig. An fheadhainn a bhitheas a h-uile duine a' cleachdadh: Teach Yourself, Colloquial, Speaking our Language... ainmean Beurla orra uile. Agus cha do mhothaich mi gus an-diugh gur ann seo an rud nach chòrd rium mun deidhinn...
Nuair a bha mi aig an sgoil, bha e gu math inntinneach dhomh gun robh tiotal anns a' chànan fhèin air gach leabhar-ionnsachaidh a fhuair sin: Beurla, Laideann, Frangais, Eadailtis - b' e "Green Line" an tiotal air an sreath leabhraichean Beurla a bha againn, agus mas math mo chuimhne bha sin bho ainm aig bus ann an Lunnain no rudeigin. Bha leabhraichean Laidinn againn leis an tiotal "Ostia" agus tha sin a' ciallachadh "dorsan" no "geata". B' e "Buongiorno" no rud mar sin air an leabhar Eadailtis. Agus tha mi dìreach air sreath leabhraichean-ionnsachaidh fhaighinn à Lithuania, air a bheil "Po truputi", a' ciallachadh "Beag air bheag". Tha mòran de na sgoilearan air a bheil mi eòlach ag ionnsachadh Frangais le leabhar leis an ainm "Decouvertes", is toigh leam sin cuideachd. 'S e "Kantharos" an leabhar-ionnsachaidh Seann Ghrèugais a thèid a chleachdadh mar as trice.
Dè tha mi ag iarraidh leis na h-eisimpleirean seo uile? Uill... tha mise dhen bheachd gu bheil ainm anns a' chànan fhèin a' toirt misneachd dhan luchd-ionnsachaidh. Is dòcha gur e rud "psychological" a tha ann. Tha mi a' smaoineachadh gum bi ainm inntinneach a' tarraing nan daoine a-steach dhan leabhar, dhan chànan. Bha mi-fhìn an comhnaidh a' faireachdainn coltach ris sin co-dhiù. Bidh mi a' coimhead air an leabhar agus bidh fios agam gu bheil mi ag obair le is anns a' chànan seo a-nis.

Is bochd nach eil tiotal Gàidhlig air tuilleadh dhe na leabhraichean-ionnsachaidh Gàidhlig, nam bheachd-sa. Bidh cus dhaoine a' bruidhinn cus mu dheidhinn a' chànain fad na h-ùine seach anns a' chànan co-dhiù. Agus tha sreathan leabhraichean mar "Speaking our Language" a' sealltain, ann an dòigh, gu bheil e ceart gu leòr bruidhinn mu "ar cànan" ann an cànan eile - nach neònach sin?

faaaaadalach

tha mi nam shuidhe ann an cafaidh eadar-lìn ann an köln a-rithist... mar as àbhaist... bha oidhche anabarrach math againn aig sgoil na gàidhlig aig mìcheal ann am bonn, le 20 daoine às na cùrsaichean agus biadh mòr agus òran nollaige agus film snog. ach bha an oidhche ro fhada, agus a-nis feumaidh mi feitheamh gu bhith uuuuuaaaaair a thìde airson an trèana eile gu wuppertal. gnagnagna.

och, rud eile: a bheil "gruth is uachdar" aig cuideigin air bhideo?

oh agus rud eile: cha sgrìobh mi tuilleadh sgeulachdan mu channabis gus am faigh mi mòoooooran freagairtean ris a' chiad sgeul :-P tha saoghal nam blog air fàs rud beag leisg ;-) a bheil sibh uile trang le gibhtean na nollaige a cheannachd no fìon òl air fèillean na nollaige??
ach leugh mi sgeul inntinneach mu chuairt seilg aig chuck, agus chunnaic mi gu bheil sgeul eile bhuaithe ann an "cothrom", iris aig clì. is math a rinn thu, a thearlaich, is toigh leam leughadh bhuat!

:-)

buaidh eile air a' bheurla ann an saoghal nam blog: seallaibh air an taobh deas --->

ghabh mi orm a-steach ann an uamh cunnartach an "template" a-rithist agus thilg mi na uilebheistean dona - "about me" agus "view my complete profile" na h-ainmean orra - a-mach às an àite glan gàidhlig seo ;-) ha!
mona, ban-ridire phròiseil ann an strì na gàidhlig air feadh an eadar-lìn... hmmmm... an dèan mi rudeigin feumail a-nis?

cadal a' gheamhraidh :)

abair deireadh-seachdaine! bha mi air an eadar-lìon gu math fada a-raoir, a' feuchainn rudan leis na blogaichean an-seo agus a' rannsachadh blogaichean eile aig an làrach-lìn seo (uabhasach inntinneach!)
mu dheireadh thall chaidh mi dhan leabaidh mu 2 uairean 'sa mhadainn, agus cha do dhùisg mi gu leth uair an-dèidh 11 :) an uair sin bha mi dìreach a' smaoineachadh dè nì mi leis an latha, nuair a chuala mi am fòn. 's e mo chèile a bha ann, bhon oifis, agus ag innse dhomh gun do chuir a phàrantan fios thuige gun robh iad a' tighinn a chèilidh oirnn - a-nis! :o bha iad ag iarraidh dol do fèill nollaige anns a' bhaile againn. haha. chan fhiach am fèill nollaige againn draibheadh uair a thìde... ach tha sròn gu math fada aig màthair mo chèile, agus bha fios aice gun do cheannaich sinn àirneis taighe ùr as t-fhoghar agus dh' atharraich sinn na seòmraichean, agus gun teagamh bha i ag iarraidh a h-uile rud fhaicinn, ged a thuirt mi rithe turas no dhà nach eil e deiseil fhathast idir agus bhitheadh nàire orm nan tigeadh iad o chionn 's gu bheil mòran sgudal ann fhathast.
uill, tha iad a' fuireach mu 100 km air falbh bhuainn, mar sin bha mu uair a thìde againn... ;) ghabh mi fras gu luath agus choimhead mi mun cuairt nan seòmraichean agus dh' fheuch mi ris na rudan as cudthromaiche a sgioblachadh, hehe. thàinig mo chèile agus thuirt e: och, bidh sin ceart gu leòr, tha iad eòlach oirnn gu math co-dhiù :)
thàinig iad ma-tha, agus chaidh sinn sìos dhan bhaile an toiseach. bha sin snog gu leòr. chan eil am fèill nollaig cho uabhasach math, ach choimhead sinn air na rudan anns na bùithean agus dh' ith sinn rud beag an-siud is an-seo agus bha spòrs againn. cha robh am baile ro làn. dh' innis màthair mo chèile gun robh meadhan bhaile köln dùinte leis a' phoileas an-dè o chionn 's gun robh cus dhaoine ann. cha bhi mi a' tuigsinn sin a-riamh, carson a hitheas iad uile a' ruith dha na bailtean mòra gach di-sathairne ro nollaig. dìreach craicte.
co-dhiù, chaidh sinne dhachaigh an uair sin agus bha sinn nar suidhe còmhla greis fhathast, agus bha sin gu math snog. chòrd an seòmar-suidhe ùr againn riutha, agus chan eil solas ann am pàirt eile an t-seòmair far a bheil an sgudal agam, hehe, mar sin cha robh mòran dheth ri fhaicinn.

a-nis, feumaidh mi rud beag a sgrìobhadh airson an oilthigh... agus tha mi ag èisdeachd ri clàr air leth math: "songs from the cold seas" le ceòl bho mòran dhùthchanan agus cultaran 'san tuath. tha òran gàidhlig ann cuideachd, "òran na maighdean mhara", air seinn le cathaidh anna nic a' phì. is dòcha gun innis mi tuilleadh mun chlàr seo uaireigin. is toigh leam gu mòr e.

oh

carson a tha mi a' gearan? tha e ann a-nis. ion-gan-tach! cha robh e ann roimhe, ged a chuir mi suas e cuid thuras :-P

grrr

tha mi air mo shàrachadh! tha mi ag iarraidh rudeigin atharrachadh leis na fo-sgrìobhadhan, tha "air sgrìobhadh le mona AT..." ann agus tha mi ag iarraidh "air sgrìobhadh le mona AIG..." - agus chuir mi sin anns an template agus chan eil e ann. hmmm. an aon rud le "freagairtean", tha mi ag iarraidh "freagairt(ean)", bidh sin nas fheàrr leis an àireamh 1. carson nach eil e ann?? gah, tha mi ro ghòrach :-(

ach naidheachd eile, tha blog lietuviškas agam a-nis :-) an rud a tha èibhinn, anns a' chànan sin cuiridh iad rud mar "-as" no "-is" do fhaclan cèin, gum bi iad freagarrach airson a' ghràmar aca, ach tha "blogas" a' ciallachadh "dona" :o
mar sin, chan eil mi cinnteach fhathast ciamar a chanas mi "blog" gu ceart anns a' chànan sin. agus cha do lorg mi daoine à lietuva anns a' bhlogosphere gu ruige seo idir :-(

lietuviškas

uff... tha mi air post-d fada a sgrìobhadh, gu boireannach ann an lithuania (cha d' fhuair mi a-mach fhathast a bheil ainm gàidhlig air an dùthaich sin). fhuair mi an seòladh post-d aice tro comunn "tandem" a tha a' toirt cuideachadh do daoine air feadh an t-saoghal faighinn lorg air daoine eile airson cànanan ionnsachadh agus a chleachdadh. is toigh leam cànanan ionnsachadh (hehe, cha chuir sin iongnadh oirbh ;-)) agus tha mi luath gu leòr le gràmar, ach feumaidh mi cànan a chleachdadh gu tric gus nach dìochuimhnich mi a h-uile rud a-rithist. gu h-àraidh tha mi diùid le bruidhinn. ach is toigh leam leughadh is sgrìobhadh air an eadar-lìon anns a' chuid chànanan a tha agam, agus cha chreid mi nach feuch mi ri blog no dhà eile a thoiseachadh, ann an nirribhis no lithuanian no innis tìlis, is dòcha :-)

ach 's i gàidhlig cànan mo chridhe agus m' anam gu bràth!!! :-)

sgeulachdan na crìoche, pàirt 1

Mar a dh' innis mi do Eòsaph, thàinig sgeulachd no dhà dham chuimhne nuair a bha mi a' leughadh an sgeòil fhada aige. Feuchaidh mi ri innse rud beag an-seo a-nis.

Cuid bhliadhna air ais, bha mo chèile fhathast a' fuireach aig taigh a phàrantan. Tha iad a' fuireach ann an sgìre taobh an iar-tuath na Gearmailt, faisg air a' chrìoch dhan Olaind. 'S e tìr brèagha a th' ann, le achaidhean farsaing, tòrr uillt agus coilltean beaga agus gun teagamh, an abhainn mhòr Rhein. Chan eil mòran bailtean mòra ann. Tha seann bhaile no dhà aig an Rhein (agus gu math sean a tha iad, ach 's e sgeul eile a th' ann), ach timcheall air sin chan eil ach bailtean beaga agus bailtean-fearainn agus taighean aosda mòra aonranach aig na rathaidean fada caol tro na h-achaidhean. Chan eil diofar mòr eadar an dùthaich air dà thaobh a' chrìoch. Tha fiù 's ainmean nam bailtean agus dual-chàinnt nan daoine gu math coltach ri chèile air an taobh Ghearmailteach agus an taobh Olaindeach anns an sgìre sin. Agus chan eil crìoch ri fhaicinn idir. Bidh thu a' coiseachd no a' draibheadh air rathad caol fada air choreigin agus gu h-obann chì thu sanas reic no rudeigin ri taobh an rathaid ann an cànan cèin, agus an uair sin bidh fios agad gu bheil thu ann an dùthaich eile.

Ach tha aon diofar mòr ann eadar an Olaind agus a' Ghearmailt: Tha cannabis ceadaichte anns an Olaind, ach chan eil anns a' Ghearmailt. Uill, chaidh an lagh atharrachadh o chionn beagan bhliadhnaichean, agus ann an dòigh, tha e ceadaichte a-nis anns a' Ghearmailt cuideachd cannabis a chleachdadh, ach chan eil e ceadaichte a reic. Mar sin, cha chuir e iongnadh oirbh dè dh' innseas mi a-nis: Tha an cannabis gu math daor air feadh na Gearmailt, o chionn 's gun tèid a sgaoileadh air slighean dìomhair. Agus thèid na daoine òga a tha a' fuireach faisg air an Olaind thar a' chrìoch airson cannabis faighinn anns na bùithean "cofaidh" an-sin agus is dòcha airson a reic do na caraidean aca an-seo.
Gun teagamh tha sin gu math furasda ann an sgìre mar an Niederrhein, far an robh mo chèile a' fuireach, far nach eil bailtean mòra agus far an rachar thairis air a' chrìoch gun dragh sam bith. Ach gun teagamh, 's aithne dhan phoileas an suidheachadh seo, agus gu math tric bidh iad a' draibheadh mun cuairt eadar na bailtean beaga, air na rathaidean fada aonranach agus a' coimhead airson daoine òga a' tighinn bhon Olainds le cus cannabis aca, no daoine a tha a' draibheadh càr às-deidh smocadh.

Anns na laithean sin, bhitheadh mo chèile a' cluich ann an còmhlann-ciùil (ceòl roc no "meatailt") agus bha àite aca air màl ann an sabhal, far an do chùm iad an stuth aca agus far am bitheadh iad a' coinneachadh gach Dì-Sathairne airson cluich agus òrain ùra a leasachadh. Bha an t-àite seo aig baile-fearainn aonranach mu 10 mìle bhon àite far an robh e a' fuireach, agus b' àbhaist dhuinn dol ann air an rothair. Bhitheadh mo chèile a' cluich nan drumaichean, agus bha iad-san anns an t-sabhal co-dhiù (an fheadhainn aosda a bha sin, bha an fheadhainn nas fheàrr anns an t-seilear ann an taigh a phàrantan, o chionn 's gum b' urrainn dha trèanadh agus clàradh aig an taigh cuideachd). Ach uaireannan, mar eisimpleir nuair a bha droch thìde ann no adhbhar eile, rachadh sinn dhan t-sabhal anns a' chàr còmhla ri fear no dithis eile anns a' chòmhlann (b' àbhaist dhaibh-san dol anns a' chàr o chionn 's gun robh na h-innealan-ciùil aca).

Latha a bha seo, chaidh sinn ann anns a' chàr. 'S e càr mòr aosda a bha ann (bha e le pàrantan an draibhear agus bha tuathanas aca, mas math mo chuimhne), beagan salach air an taobh a-muigh agus beagan sgudalach air an taobh a-staigh, agus bha còignear no sianar againn ann. Gu h-obann chunnaic sinn càr poileis a' tighinn air ar coinneamh agus chuir iad stad oirnn. Sealladh àbhaisteach a bha seo don luchd-phoileis: càr aosda làn daoine òga, ann an aodach dubh, na balaich uile le falt fada, agus ceòl àrd sgriosail bhon inneal-CD anns a' chàr.
"A bheil sibh a' tighinn bhon Olaind?" dh' fhaighnich iad. "Chan eil" dh' fhreagair an draibhear, agus mhìnich e dhaibh cò às a bha sinn agus càit an robh sinn a' dol. Cha robh iad gar creidsinn. "A bheil cannabis agaibh?" dh' fhaighnich iad. "Chan eil" arsa sinne, agus bha sin fìor. "Am faod sinn coimhead anns na bagaichean agaibh?" dh' fhaighnich iad, agus bha sinn a' fàs beagan feargach, ach cha robh sinn ag iarraidh trioblaid agus bha sinn a' smaoineachadh gum bitheadh iad riaraichte nam faiceadh iad nach robh dad anns na bagaichean. Ach... rannsaich iad na bagaichean, agus cha do lorg iad dad, agus cha robh iad riaraichte idir. "Càit an do dh' fhalaich sibh e?" dh' fhaighnich iad, ann an dòigh beagan mhì-mhodhail, agus dh' fhàs sinne beagan mhì-mhodhail cuideachd. Chunnaic iad na h-innealan-ciùil agus thoisich iad coimhead orra gu mionaideach. Bha tòrr stuth neònach aig mo chèile a bha e air cheannachd airson nan drumaichean, agus dh' fhàs e beagan mhi-fhoisneach o chionn 's gun robh iad daor. "Bithibh faiceallach leis na rudan sin", thuirt e, "na brisibh iad!" Ach thog sin àire nam poileas gu dearbh. Bha iad cinnteach gun robh cannabis air falach annta agus dh' fheuch iad rim briseadh. Ghlac mo chèile às an làmhan iad agus thuirt e gum b' urrainn dha fhèin an fhosgladh agus an cur às a chèile, agus cha leig e leotha am milleadh. Bha aige ris a h-uile stuth a chur às a chèile agus choimhead iad air gu mionaideach. Cha robh dad ann. Cha robh iad riaraichte fhathast idir, agus chuir iad an càr gu lèir bun os cionn. Bha sinn gun fhacal a ràdh. Mu dheireadh thall chuala iad fuaim fòn anns a' chàr aca (fòn poileas, chan eil mi cinnteach ciamar a chanas mi sin), agus chaidh innse dhaibh gun deach càr a ghlacadh àiteigin làn cannabis, agus thuig sinn rudeigin mar gum b' e sin na daoine a bha iad air lorg ùine fhada, daoine a bha a' dèanamh malairt le cannabis ann an dòigh gu math mòr. Feumaidh gun robh iad a' smaoineachadh an toiseach gum b' e sinne na daoine ud. Cha mhòr gun tuirt iad "tha sinn duilich" ruinn, bha iad airson falbh gu luath. Ach bha an càr bun os cionn fhathast, agus bha iad air cuid phàirtean a chur dheth. Mar sin thuirt an draibhear: "Stadaibh!" - "Dè?" ars' iad-san. "An cuir sibh an càr air dòigh a-rithist? Tha e le mo phàrantan, agus bidh iad gu math feargach ma bhitheas rudeigin briste. Agus dè bhitheas iad a' smaoineachadh ma chanas mi riutha gur ann am poileas a rinn sin." Bha iad rud beag feargach, ach chuir iad an càr air dòigh. Dh' fhalbh iad gu luath an uair sin, agus chaidh sinne dhan t-sabhal agus ghabh sinn fois as-dèidh an tachartas sin.

Sgeulachdan eile a' leantainn... ;-)

dè nì mi airson cànan ùr a thuigsinn

sgrìobh flùr thugam gu bheil trioblaid aice na daoine air an radio a thuigsinn. bha mi a' smaoineachadh gur e cùspair cudthromach agus inntinneach a th' ann. 's e seo an rud as dorra air mo shon anns gach cànan ùr cuideachd. 's àbhaist dhomh an gràmar agus faclan ùra ionnsachadh bho leabhraichean gu math luath. is toigh leam leughadh agus sgrìobhadh rud beag, agus mar sin bidh na faclan nam cheann. bidh beagan trioblaid agam le fuaim no blàs a' chànan, agus bidh mi beagan diùid le bruidhinn, ach tha mi a' smaoineachadh nach eil sin cho dona. ach nuair a chluinneas mi daoine a' bruidhinn anns a' chànan ann an dòigh àbhaisteach, gu luath agus is dòcha le dual-chainnt air choreigin, cha tuig mi dad, agus bidh mi brònach no air mo shàrachadh. gu tric, ma tha daoine eòlach orm bho chòmhradh air an eadar-lìon, bidh iongnadh orra nach eil mi an tuigsinn gu math. mar eisimplir bha mi a' feuchainn skype còmhla ri nighean ann an lietuva/litauen/lithuania, agus bha sin dìreach tàmailteach.

ceart ma-tha, dè nithear mu dheidhinn sin? uill, gun teagamh tha e cudthromach agus feumail mòran obair a dhèanamh le stuth èisdeachd bhon toiseach. gu fortanach tha mòran ann air an eadar-lìon an latha an-diugh, fiù 's - no gu h-àraidh - ann an cànanan beaga mar gàidhlig no mìon-chànanan eile anns an roinn-eòrpa. agus tha na leabhraichean-teagasg as ùire uile le clàran (CDs). ach anns na clàran seo, 's àbhaist do na daoine a bhruidhinn gu math slaodach, agus ann an dòigh glè shoilleir. tha sin math airson luchd-toiseachaidh, ach fàsar cleachdte ris gu math luath cuideachd, agus mura bheil daoine timcheall ort a bhitheas a' bruidhinn an cànan ann an dòigh nàdurrach, bidh sin beagan cunnartach.

ach tha cothrom gu leòr ann airson na cluasan a "leasachadh". mar eisimpleir, ma tha stuth agad air pàipear AGUS air CD / tèip, 's e beachd math a tha ann obair leis ann an dòighean eadar-dhealaichte. an toiseach, gun teagamh, bidh thu ag iarraidh fios dè tha dol ann, agus bidh thu a' leughadh. ach dè mu dheidhinn toiseachadh leis a' chuid èisdeachd? feuch cia mheud a bhitheas tu a' tuigsinn mus toir thu sùil air an rud sgrìobhte. an uair sin faodaidh tu leughadh agus èisdeachd aig an aon àm turas no dhà cuideachd, agus mu dheireadh thall, is dòcha, feuch ri èisdeachd a-mhàin a-rithist, agus cuir stad air as-dèidh gach seantans, agus feuch ri sgrìobhadh sìos na bha thu a' tuigsinn.

an-dèidh greis, anns gach cànan, bidh mi air mo shàrachadh le stuth-teagaisg, rudan a chaidh an dèanamh airson luchd-ionnsachaidh. tha mi ag iarraidh an cànan nàdurrach. tha leabhraichean cloinne glè mhath aig an ìre seo. cha bhi iad ro dhoirbh, bidh na cùspairean furasda, agus gu tric bidh dealbhan ann cuideachd, a' toirt taic airson an sgeul a thuigsinn. bidh na seantansan simplidh cuideachd, agus bidh faclan àbhaisteach ann - ach cha do thug an sgrìobhadair àire air gràmar airson luchd-ionnsachaidh. tha sin a' ciallachadh gum bi a h-ùile seòrsa gràmar ann, ann an dòigh nàdurrach. chan eil e coltach ris na leabhraichean-teagaisg, le mar eisimpleir leasan far am faighear teacsa le gnìomhairean anns an tràth caithte simplidh a-mhàin. chithear gnàthsan-cainnte àbhaisteach agus is dòcha cluich-faclan ann an leabhraichean cloinne cuideachd. mar sin, cha bhi iad daonnan uabhasach furasda, ach 's e dòigh math a th' annta airson ceum bho na leabhraichean-ionnsachaidh don "fìor chànan".
is bochd nach eil mòran stuth chloinne anns a' ghàidhlig ri faighinn air tèipichean no clàran. tha leabhraichean gu leòr ann, ach chan eil mòran rudan ri èisdeachd. nochd cuid rudan ùra aig comhairle nan leabhraichean ge-tà, mar eisimpleir "tearlag agus am bodach sneachd". agus bu toigh leam tèip eile a mholadh a gheibhear aig taigh na teud: "sgeulachd bhon ghlùin", air innse le crisdean dillon, ceithir sgeulachdan traidiseanta. tha leabhar beag agus tèip (no clàr a-nis?) ann, agus tha na sgeulachdan uabhasach àlainn, air innse ann an dòigh glè shnog.
leis an stuth seo, mar eisimpleir, b' urrainn don neach-ionnsachaidh èisdeachd cuid tursan an toiseach, gun coimhead air an teacsa idir. leis na rudan bho chomhairle nan leabhraichean dh' fhaodadh sibh an tèip a cheannachd an toiseach, agus an leabhar turas eile cuid seachdainean as-dèidh sin ;-)
nam bheachd-sa 's e dòigh fìor mhath agus feumail a th' ann airson an comas èisdeachd a leasachadh.
dè ur beachdan? dè na dòighean eile a tha agaibh fhèin?

moladh radio

Ma tha sibh airson rudan uabhasach inntinneach agus èibhinn a chluinntinn, seo moladh dhuibh:
Bidh fios aig mòran dhiubh gu bheil "Èisd a-rithist" aig Radio nan Gaidheal. Faodar èisdeachd ri prògraman a bha ann an seachdain sa chaidh. Tha mòran ann agus mura bheil mòran tìde agibh, is dòcha nach bi sibh cho cinnteach dè bhitheas math no inntinneach do luchd-ionnsachaidh.
Feumaidh mise ràdh nach toigh leam cuid dè na daoine air an radio a bhitheas a' bruidhinn gu math luath, ann an dòigh "Beurlach", mar esimpleir anns na naidheachdan. Is fheàrr leam-sa èisdeachd ri daoine le deagh Ghàidhlig. Agus fhuair mi a-mach gu bheil rud snog ann aig deireadh a' phrògram "A' Mire ri Mòr".
Bidh i a' bruidhinn air a' fòn ri bodach no cailleach air choreigin gach latha. Mar as trice 's e seo seann dhaoine às na h-Eileanan, no seann dhaoine le Gàidhlig bhon ghlùin co-dhiù. Bidh iad a' cabadaich mu rudan àbhaisteach, is dòcha mu cheòl, no mun bheatha aig na daoine.
Chan eil e daonnan uabhasach math ri thuigsinn, o chionn 's gu bheil blàs no dual-chainnt sònraichte aca. Ach gu tric bidh iad a' bruidhinn gu math slaodach, oir chan eil iad cleachdte ri bruidhinn air an radio, agus bidh iad a' smaoineachadh mu dè tha iad ag iarraidh a ràdh. (Tha dòigh bruidhinn nas slaodaiche aig daoine aosda co-dhiù, tha mi a' smaoineachadh.)
Agus chan eil na cùspairen ro dhoirbh, tha sin feumail do luchd-ionnsachaidh cuideachd, agus cha bhi e ro fhada, dìreach 10 mionaid no rud mar sin. Agus tha mi dìreach a' smaoineachadh gur e cothrom uabhasach math a th' ann Gàidhlig nàdurrach a chluinntinn.
Tha e beagan doirbh sin a lorg anns a' phrògram: tha dà dhòigh ann. Faodaidh sibh dìreach èisdeachd ris a h-uile rud, agus bidh e anns na 10 mionaid mu dheireadh (tha am prògram mu 80 mionaid gu lèir).
Mura bheil tìde no ùidh agaibh, faodaidh sibh "leum" air adhart. Chan urrainn ach leum 5 no 15 mionaid air adhart, agus cha bhi sin ag obrachadh ach gu deireadh a' chiad uair a thìde. An uair sin tha "gearradh" anns a' phrògram, o chionns gun robh na naidheachdan ann agus thilg iad sin a-mach airson "Èisd a-rithist". As-dèidh a' ghearraidh sin bidh am prògram a' ruith air adhart mar a bha e, agus faodar "leum" 5 mionaid air adhart a-rithist, ach feumaidh sibh a bhith faiceallach an uair sin o chionn 's gun tig an agallamh leis an tè no fear aosda a dh' aithghearr.

Is toigh leam gu mòr sin, agus tha mi an dòchas gu bheil sibh a' tuigsinn a' mhìneachaidh seo agus gun còrd e ruibh cuideachd. Ma thogras sibh, innsibh dhomh an do dh' èisd sibh ris agus ciamar a bha e a' còrdadh ruibh.

seòmar chòmhraidh gàidhlig

bha oidhche annabarrach èibhinn againn a-raoir anns an t-seòmar chòmhraidh. 's e àite dìreach sgoinneil a th' ann. chan ann a-mhàin gu bheil e uabhasach feumail do luchd-ionnsachaidh na gàidhlig, ach cuideachd gu bheil e làn fealla-dhà is spòrs. as-dèidh latha fada trang is toigh leam coinneachadh ri daoine laghach agus cabadaich 'sa ghàidhlig. agus uaireannan bidh an còmhradh againn fìor chraicte is mi-mhodhail :-D an rud a tha a' còrdadh gu mòr rium, 's e gun tig daoine às na ceithir ranna ruadha dhan t-seòmar, le cànanan eadar-dhealaichte, ach ùidh aca uile anns a' ghàidhlig. a-raoir bha daoine à chile, an spàinnt, sasainn, a' ghearmailt, alba agus astràilia ann, agus tha feadhainn eile againn ann an canada, alasca, agus àitean eile. nuair a bhitheas e mu mheadhan-oidhche agam, bidh e tràth 'san fheasgar ann an alba nuadh, agus mu mheadhan-latha ann an alasca... agus cha chreid mi nach bidh e mu mheadhan-latha cuideachd ann an astràilia, ach 's e an ath-latha a bhitheas ann mar-tha. nach craicte sin? :-D
ma leughas sibh seo agus cha robh sibh eòlach air an t-seòmar chòmhraidh againn roimhe, thigibh a-steach! bidh fàilte chridheil oirbh gun teagamh!

sgeul aig eòsaph

a charaidean,
cuiribh freagairt gu eòsaph anns a' bhlog aige, as-dèidh an sgeul craicte aige a leughadh! cuiridh sin brosnachd dha tuilleadh a sgrìobh. tha e inntinneach gu dearbh. hmmmm... agus gheall mi ris gun innis mi sgeul no dhà "bho laithean m' òige" (haha) an-seo cuideachd. mo chreach-sa thàinig! :D

cianalas... no rudeigin

tha mi ag iarraidh siubhal... dol air saor-laithean do h-àitean inntinneach anns nach robh mi riamh... na laithean seo tha mi a' smaoineachadh mu rudan mar seo gu math tric, a' coimhead air làraich-lìn fiosrachaidh mu dùthchanan anns a bheil ùidh agam, mar eisimpleir nirribhidh, innis tile, lietuva, a' ghrionnlainn... tha mi ag ionnsachadh na cànanan aca, no tha mi a' feuchainn co-dhiù agus bu toigh leam dol ann airson bruidhinn ri daoine... ach chan eil airgead gu leòr agam idir agus tha mi beagan brònach nach urrainn dhomh dol ann a dh' aithghearr idir idir. carson a tha na dùthchanan as toigh leam cho daor? :(