turas beag


bha mi ann an düsseldorf an-diugh, 's e seo prìomh-bhaile an sgìre seo. 's e baile mòr a th' ann, beagan "posh", ach tha àitean gu math brèagha ann. mar eisimpleir am pàirc seo. tha e farsaing, le oiseanan àlainn, gu h-àraidh an garradh seapanach.

tha mi cho beò



foghar - slighe lùbach mall-cheumach
tro duilleagan, feur tioram, sùilean nam flùraichean searga ri taobh an rathaid
foghar - an rathad loinnreach luath, sìos, sìos
a-steach do na coilltean, nan teine deàlrach
a-steach d' fhàileadh luaith, ceò, còinnich boig, talmhainn fionnaig
fon adhar farsaing, ciùin, suthainn, gorm domhain.

blog ùr

tha fear ùr againn a-rithist, fàilte do eòsaph às na stàitean aonaichte, an gaidheal iùdhach.

eòsaiph, cuiridh mi ceangal ann dhut an-seo cuideachd :)

coilltean mo chridhe

semester ùr

tha an t-oilthigh a' toiseachadh a-rithst an seachdain seo, agus tha a h-uile rud gu math surreal. ghluais an sprachwissenschaftliches institut do thogalach eile, agus tha sin a' faireachdainn neònach. seadh, cha robh na seòmraichean a bha againn roimhe cho uabhasach math, ach bha rudeigin sònraichte annta, agus chòrd iad rium. bha iad beagan chraicte, feumaidh gun robh sin gam tharraing ;-) chan eil na seòmraichean ùra mar sin (fhathast), tha iad falamh agus fuar dhomh... cuideachd, tha dà charaid agam ann an èireann am bliadhna seo, agus fear eile anns a' chuimrigh. mar sin, bha e beagan neònach air mo shon, agus mise nam shuidhe nam aonar anns a' chafaidh far am b' àbhaist dhuinn suidhe còmhla... chan fhaca mi mòran daoine fhathast, ach chuala mi naidheachdan an-siud 's an-seo. tha tidsear chànanan ùr againn cuideachd, airson seann ghàidhlig agus cuimris, agus nì e clas mu litreachas ceilteach cuideachd.
tha na coilltean brèagha ann an dathan an fhoghair an-dràsda, tha a' ghealach làn a-nochd agus tha mi a' faireachdainn gu math beò...

hmmm... tha mi leisg a-rithist

cha do sgrìobh mi an-seo o chionn greis, ged a bha rudan gu leòr a' tachairt.
tha mi air an rud bhon telebhisean gàidhlig fhaicinn a rinn iad anns a' ghearmailt aig cuirm-ciùil "mill a h-uile rud". rinn iad agallamh còmhla rium agus mo ban-charaid janni, agus bha beagan dheth ri fhaicinn air an telebhisean.

bidh an t-oilthigh a' toiseachadh a-rithist di-luain. nàire orm, bha mi gu math leisg anns na saor-laithean, ged a bha dùil agam ionnsachadh agus leughadh. cha do rinn mi ach beagan seann-ghrèigis - cànan uabhasach inntinneach, chan eil fhios agam carson nach do rinn mi e riamh roimhe - agus seann-ghàidhlig, mar as àbhaist.

tha "caraid-litreach" à lietuva (litauen / lithuania) agam a-nis, boireannach snog a tha ag ionnsachadh gearmailtis... bidh sinn a' sgrìobhadh post-d ri chèile, anns a' ghearmailtis agus liotauis (? hihi). tha sin glè inntinneach. tha mi air an cànan sin ionnsachadh mu bhliadhna aig an oilthigh, ach tha faclan a dhìth orm agus chan eil mi cinnteach idir mun ghràmar, ged a bha e ceart gu leòr dhomh nuair a rinn sinn sin anns an leabhar. ach tha e math an cànan a chleachdadh.

leugh mi pìos beag bàrdachd air an liosta post-d seann-ghàidhlig, mun fhoghar:
raithe fó foiss fogomur
feidm and for cech óenduine
la tóeb na llá lángarit.
sgrìobhaidh mi rudeigin mu dheidhinn sin latha eile. is toigh leam e. is toigh leam am foghar. is toigh leam fiù 's na faclan airson "foghar" ann am mòran chànanan :) herbst, autumn, haust, ruduo...

cuiridh mi dealbhan foghair ann an-seo a dh' aithghearr. tha na craobhan dearg is buidhe an-dràsda... bha mi a' coiseachd mòran an deireadh-seachdaine 'sa chaidh agus rinn mi cuid dhealbhan leis a' chamara digiteach. thèid mi dhan choille no dhan phàirc iapanach ann an düsseldorf an deireadh-seachdaine seo, tha mi a' smaoineachadh...
mona