beagan ealan ;)



is toigh leam peantadh air clò na laithean seo :)
seo na rudan a dh' fheuch mi an toiseach. an rud leis a' bheathach, 's e baga a th' ann, an rud eile dìreach dealbh airson a' bhalla - ban-dìa brigid.

IKEA :)

chaidh sinn a choimhead air àirneis-taighe ùr an-dè, aig a' bhùth mhòr IKEA ann an essen, baile mòr faisg oirnn an-seo. bha sin gu math èibhinn. tha dùil againn sofa agus sgeilpichean a cheannachd airson seòmar-suidhe snog anns an rùm far a bheil an leabaidh agus an coimpiutair agam (agus mòran sgudal, hehe) an-dràsda, agus tha mo chèile ag iarraidh bòrd mòr airson an obrach aige... chunnaic sinn mòran rudan snog agus freagarrach, agus thèid an cur dhan taigh againn a dh' aithghearr (chan eil càr againn, mar sinn dh' fhaighnich sinn an urrainn dhaibh na rudan a chur thugainn).`nì mi dealbhan nuair a bhitheas sin deiseil :)

foghar




tha am foghar air tighinn, agus tha mi a' faireachdainn beò a-rithist :) bha e uabhasach teth fhathast na laithean sa chaidh, ach a-nis tha an adhar gorm agus fionnar, na sùbhagan (sùbhagan-craoibh a th' annta, chan e sùbhagan-làir) dearg agus milis, agus bidh e dorcha mu leth uair an-dèidh ochd 'san oidhche mar-tha.

mar as àbhaist aig an àm seo dhen bliadhna, tha mi a' faireachdainn uabhasach math agus tha tòrr beachdan ùra a' tighinn thugam. tha mi ag iarraidh leabhraichean a sgrìobhadh (anns a' ghàidhlig cuideachd, hehe...) - o, a' chiad rud a nì mi, sgrìobhaidh mi rud mu dheidhinn gàidhlig - mu dheidhinn litreachaidh gàidhlig - airson leabhar eòlais... chaidh cuireadh a chur thugam leis na daoine aig an roinn ceiltis aig an oilthigh wien. o mo chreach, tha mi an dòchas gun tèid sin gu math... ach cha robh duine eile aca a tha eòlach air gàidhlig albannach... agus bu toigh leam sin a dhèanamh, ach tha mi an dòchas gum bi sin math gu leòr.

bu toigh leam siubhal a dh' albha a-nis, ach chan eil airgead agam idir. ach bidh coinneamh shnog le caraidean bhon eadar-lìon ann aig deireadh a' mhìos seo.
a-nochd, thèid sinn do chonsairt ann an köln, agus chì sinn mòran charaidean cuideachd. agus tha mi toilichte o chionn 's gun d' fhuair mi sgoilearan ùra an seachdain seo, tha sin a' ciallachadh -> tuilleadh airgid, hehe :)

cheannaich mi dathan airson peantadh air clò an-dè, tha mi ag iarraidh peantadh air leine-t. seallaidh mi sin dhuibh an-seo (ma chòrdas e rium...)

oh, agus tha tè ùr againn ann an saoghal nam blog: http://uidh.blogspot.com/ à kasachstan! wow! tha an gaidhealtachd air an lìon a' fàs gu math eadar-nàiseanta.