skype!

a bheil sibh eòlach air skype? 's e prògram glè shnog agus feumail a th' ann. tha e coltach ri icq no prògram teachdaireachd eile, ach le guth. faodar "fòn" a chur ri daoine agus bruidhinn ri chèile tron eadar-lìon. seadh, chan ann sgrìobhadh ach bruidhinn :) feumar microphone agus speakers no headset agus tha e gu math furasda am prògram a chur air dòigh.
bha mi a' bruidhinn ri janni agus graisg a-raoir, agus bha sin dìreach sgoinneil!
mona

saoghal nam blog

am faca sibh gun do chuir mi tuilleadh ceangail ann gu blogaichean eile 'sa ghàidhlig. tha mòran daoine glè thrang a' sgrìobhadh agus tha mi glè thoilichte gu bheil barrachd gàidhlig air an lìon gach latha :)
mona

seneca agus fir glice eile

bidh na sgoilearan agam a' cur beachdan inntinneach thugam a-rithist is a-rithist. bha mi a' lorg teacsan aig cicero agus ovid air an eadar-lìon airson sgoilear laidinn agam, agus - chan eil fhios agam ciamar - thachair mi ri litrichean a sgrìobh seneca. cha do leugh mi teacsan leis riamh roimhe agus feumaidh mi sin a dhèanamh a-nis. is coltach gu bheil e uabhasach inntinneach. sgrìobh e beachdan mu bheatha agus bàs, agus ann an dòigh gu math furasda agus ealanta.

tha mi a' leughadh mòran bhàrdachd gàidhlig na laithean seo cuideachd. tha mi air leth measail air iain mac a' ghobainn agus ruairidh macthòmais.
mona

beagan naidheachd

gaaaaaaaaah - nach leisg a tha mi? cha do sgrìobh mi an-seo idir anns na seachdainean sa chaidh. ach chan eil mi cho leisg anns a' "bheatha eile" (taobh a-muigh a' choimpiutair) idir. tha mi ag obair, agus a' sgioblachadh an taighe, bidh airneis ùr againn a dh' aithghearr, agus tha mi ag ionnsachadh gàidhlig còmhla ri caraidean no leam fhìn, agus a' leughadh is ionnsachadh rudan eile airson an oilthigh cuideachd. is toigh leam na saor-laithean fada as t-samhradh, an aon rud nach toigh leam, 's e nach eil mi ag obair gu leòr agus mar as àbhaist tha airgead a dhith orm. bu toigh leam dol do dh' alba turas eile am bliadhna, airson seo http://www.nva.org.uk/storr/home.html fhaicinn ach cha tachair sin, tha mi gu math cinnteach. cha bhi e ann ach mìos fhathast agus chan urrainn dhomh dol ann :(