air ais agus saor-laithean fada

tha mi air ais bhon cho-labhairt anns an ostair, agus innsidh mi mu dheidhinn turas eile... bha e uabhasach math. a-nis, tha saor-laithean ann aig an oilthigh, agus tha dùil agam mòran rudan feumail a dhèanamh (cò tha creidsinn sin, haha ;) ).

saor-laithean

seadh, bha mi gu math sàmhach na laithean sa chaidh. bha deuchainnean agam ach tha an semester seachad a-nis agus tha mi toilichte gu leòr (<- chan eil o chionn 's gu bheil an semester seachadh, ach o chionn 's gun robh e math! :) ).
di-ardaoin bha seòrsa chèilidh aig taigh an tidsear baltais agam, glè shnog. 's e duine glè laghach agus foghlaimte a th' ann agus tha gaol agam air na cànanan sin, gu h-àraidh latvian.
an ath-sheachdain bidh mi aig co-labhairt ceilteach anns an ostair, bhon roinn-ceilteach aig an oilthigh vienna. bidh mi toilichte mòran daoine fhaicinn air a bheil mi eòlach bhon eadar-lìon.
tha e ro theth an-seo a-rithist, feumaidh mi uachdar reòite.

ceòl na seachdaine: SONIC YOUTH (buidheann-ciùil as fheàrr san t-saoghal gu sìorraidh brath.)

as-dèidh laithean grianach teth bha fìor dhroch shìde ann an-diugh. bha mi bog fliuch dà thuras. gu tric cuiridh sin droch shunnd orm, ach cha do chuir an-diugh. chan eil fhios agam carson.
ràinig an iris ghàidhlig GATH 3 an-diugh cuideachd.

an-dràsda, tha mi ag ionnsachadh gnìomhairean seann-ghàidhlig. bidh deuchainnean ann an ath-sheachdain.

ceòl an latha:
metallica - master of puppets.
faith and disease - beneath these trees.

tha a' ghrian a' tighinn a-mach a-rithist a-nis cuideachd :)