latha samhraidh eile...

thòisich mi how to kill a dragon a leughadh an-diugh, ach cha deach mi air adhart glè fhada. chan eil an leabhar fhèin agam, ach leth-bhreac a rinn mi anns an leabhar-lann, agus chan eil agam ach fichead duilleag no mar sin gu ruige seo. feumaidh mi dol air adhart leis an seachdain seo. tha e uabhasach inntinneach, ged a tha e doirbh ri leughadh.

hmmhmmm, bu toigh leam rud atharrachadh mun bhlog seo. chunnaic mi aig blogaichean eile gu bheil na rudan beaga a tha sgrìobhte ann am beurla an-seo (mar ceann-latha, agus fo-sgrìobhadh aig gach teachdaireachd) anns a' ghàidhlig aig cuid dhaoine... ciamar a tha sin ag obrachadh? b' urrainn dhomh-sa cruth an ceann-latha atharrachadh, ach chan eil mi a' tuigsinn na rudan eile. feumaidh mi coimhead air an source code aig na daoine eile gu faiceallach, tha mi a' smaoineachadh... no a bheil comhairle dhomh aig cuideigin?

film math agus latha grianach leisg

choimhead sinn air star wars episode III a-raoir, agus chòrd e rium glàn. chan fhaca mi a' chiad agus dàrna pàrt de na filmean ùra, agus chuala mi mòran rudan dona mun deidhinn, ach bha an treas pàrt dìreach math :) bha e gu math coltach ris na seann fhilmean, agus bha mi a' faireachdainn dìreach mar a bha mi nuair a chunnaic mi iadsan air an telebhisean... puuuuh, tuilleadh air 15 bliadhna air ais, tha mi a' smaoineachadh... agus tha cuimhne agam ciamar a bha sin a' cluich sgeulan bho na filmean le electric torch (?) airson "claidheamh solais", hehe...
bha an duine a chluich anakin skyewalker snog gu leòr, agus bu toigh leam am film seo fhaicinn a-rithist agus na seann fhilmean an uair sin. beachd math airson deireadh-seachdaine 'sa gheamraidh ;)

an-diugh bha mi gu math leisg. tha e uabhasach teth an-seo, tha sin dìreach mì-àbhaisteach aig an àm seo dhen bhliadhna. bha mi ag obair 'sa mhadainn, agus mu mheadhan latha chaidh mi dhachaigh, agus an uair sin bha mi nam shuidhe air a' bhalcony, a leughadh, agus a' gàirnealachd (?) bho àm gu àm. tha mi pròiseil leam fhìn - leugh mi leabhar mu na cànanan innseach-eòrpach a-rithist, leabhar a tha gu math doirbh, agus seo a' chiad turas a bha mi a' dol air adhart leis gu math agus a thuigsinn ceart gu leòr. hehe, agus tha am balcony agam a' coimhead glè mhath a-nis cuideachd.
'san fheasgar chuir mo cheannàrd fòn thugam, o chionn 's gun robh mi air sgoilear agam a dhìochuimhneachadh... ööööööh :o ach uill, bha latha snog agam co-dhiù agus chan eil mi a' smaoineachadh gun robh an sgoilear cho feargach nas motha :)

toileachas...

tha mi dìreach toilichte an seachdain seo. chan eil fhios agam carson. chan eil adhbhar sònraichte ann...
bha mi aig an oilthigh an-diugh, agus cha robh ach aon clàs ann o chionn 's gun robh aon dhen luchd-teagaisg tinn. bha sinn nar suidhe còmhla - cuid dhe na h-oileanaich - agus a' cabadaich, agus bha clàs lithuanian agam... is toigh leam sin dha-riribh, agus tha mi a' faireachdain gu bheil mi a' dol air adhart leis a' chànan sin, tha sin math. tha an tidsear cho uabhasach snog... chan eil ach dithis oileanach anns a' chlàs, mi-fhìn agus balach a tha a' dèanamh cànan innseach-eòrpach. gu tric bidh sinn a' cabadaich agus a' deasbad mu mòran rudan inntinneach. tha an tidsear glè fhiosrach agus tha ùidh aige ann an mòran chùspairean... 's e à latvia a tha e, agus uaireannan bidh mi a' smaoineachadh carson nach do rinn mi latvian seach lithuanian, ach co-dhiù, thòisich mi le lithuanian agus nì mi sin. 's e cànan àlainn agus inntinneach a th' ann, ged a tha mi dhen bheachd gu bheil fuaimneachd nas brèagha aig latvian. bu toigh leam dol ann as t-samhradh - do lithuania agus latvia, ach chan eil fhios agam fhathast am bi airgead gu leòr agam. mar as àbhaist bu toigh leam do do dh' alba cuideachd a-rithist...
rud eile, bidh an co-labhairt ceilteach anns an ostair 'san iuchair, agus thèid sinn ann bhon oilthigh an-seo... bha dùil agam gun tèid co-dhiù, ach tha sin beagan troimhe-chèile a-nis. chan eil ach sianar ag iarraidh dol ann, agus tha dùil aig ceathrar dol anns a' chàr aig duine air choireigin, agus feumaidh na daoine eile dol air an trèana... agus mise aon dhiubh :( ach bhitheadh sin uabhasach daor. tha mi beagan feargach. bha caraid agam ag iarraidh dol ann cuideachd, agus bhitheadh esan a' dol 'sa chàr, ach cha chuala mi bhuaithe a-rithist. grrr. uill, bha mi a' smaoineachadh, 's dòcha gum faigh mi ticead saor airson itealan... feumaidh gu bheil companaidh no dhà a' dol bho köln/bonn gu linz no wien... chì mi. bhitheadh sin beagan "posh", dol don cho-labhairt air a' phlèana, hehe.
a-nis, feumaidh mi òraid bheag ullachadh a nì mi a-màireach ann an seann chuimris - haha, cha bhi mi a' bruidhinn anns a' chuimris, ach mu dheidhinn cuimris...
innsidh mi dhuibh ciamar a bha e an uair sin.

tha gaol agam air an t-saoghal a-nochd...

tha an t-adhar cho àlainn a-nochd... tha mi ag èisdeachd ri ceòl àlainn... tha gaol agam air cànanan... tha mi ag iarraidh mòran rudan a dhèanamh... oh, anns an dol-seachad, lorg mi buidheann claidheamh (??) faisg air làimh agus is dòcha gum bi mi a' training a-rithist :D

*ag èisdeachd ri QNTAL agus ceòl neònach suomis a-nochd*

ceangail ùra

rim faicinn air an taobh deas :) --->

tha sin dìreach sgoinneil... tuilleadh gàidhlig air an lìon gach latha... tha an eadar-lìon cho uabhasach feumail agus cuideachail airson nan cànanan beaga!

latha craicte... comhradh èibhinn agus neònach còmhla ri caraidean air an lìon. bha mi 'sa bhaile airson aodach agus pìosan àirneis a lorg ach cha d' fhuair mi lorg air dad feumail. cha mhòr nach do bhuail càr mi, agus bha an duine beagan gòrach. cha tug e an àire, agus an uair sin bha e ag iarraidh trod - ach thàinig am poileas, hehe.
bàrdachd aig paul celan nam inntinn fad an latha... feumaidh mi innse dhuibh mu dheidhinn a dh' aithghearr.
cha do rinn mi dad airson an oilthigh... tsts, bha dùil agam mòran ionnsachadh an deireadh-seachdaine seo, ach co-dhiù, bidh e fada :)

bha deasbad inntinneach air an liosta post-dealain seann ghàidhlig... mu dheidhinn cù chulainn agus "kill bill"... chan fhaighear rudan mar sin anns na clasaichean aig an oilthigh...

deireadh-seachdaine fada a-nis, agus cha tèid mi don oilthigh an ath-sheachdain (saor-laithean na Caingis, gu neònach, hehe).
tha mo cheann làn sgeulachdan neònach aig an àm seo... tha an samhradh a' tighinn agus tha mi a' faireachdainn beò. tha rudan gam tharraing.
gah, blablabla. dealbh ùr an-seo, feuchaidh mi am bi e ag obrachadh gu ceart an turas seo:

saoghal nam blog

mhothaich mi gu bheil mòran blogaichean anns a' ghàidhlig agus cànanan ceilteach eile ann a-nis. tha tòrr ceangail aig graisg ann an inbhir narann! ùill, bidh mòran agam ri leughadh a-màireach, aig an obair gòrach anns an oifis, hehe.
bu chòir dhomh dol don leabaidh a-nis! :)

deireadh-seachdaine

bha oidhche sgoinneil ann a-raoir, aig a' chuirm-ciùil ghàidhlig aig mìcheal ann am bonn. faodaidh sibh tuilleadh a leughadh an-seo: http://5570.forum.onetwomax.de/topic=100378443905

an-diugh 'sa mhadainn chuir sinn an coimpiutair aig mo chèile faisg air an leabaidh agus choimhead sinn air "return of the king" (an treas pàirt aig "lord of the rings") air DVD. 's e an "extended version" a bh' ann agus bha sin dìreach sgoinneil. is toigh leam na filmean sin - ged nach eil iad cho math ris na leabhraichean - agus uaireigin feumaidh mi coimhead air na trì "extended versions" air aon latha no oidhche... chunnaic mi a' chiad agus dàrna pàirt anns an taigh-dealbh air aon oidhche, agus an an dàrna agus treas pàirt air aon oidhche cuideachd.

tha an t-sìde gu math neònach. an-dràsda tha e grianach, ach o chionn greis bha e dorch agus an t-uisge ann... bu toigh leam dol don bhùth aig an stèisean airson seòclaid a cheannachd ach chan eil mi cinnteach nach bi mi bog fliuch...

tha mi ann fhathast

cha do sgrìobh mi dad an-seo ged a bha rudan gu leòr a' tachairt. tha an samhradh a' tighinn, agus bha dùil agam dol do lithuania airson deireadh-seachdaine fada aig toiseach a' chèitean (bealtuinn). ach cha robh airgead gu leòr agam, agus bha mi a' smaoineachadh gum bitheadh e nas fheàrr feitheamh greis eile agus dol ann anns na saor-laithean as t-samhradh.
th gu leòr a' tachairt an-seo, mar a thuirt mi. tha mi trang ach toilichte aig an oilthigh, agus faodaidh sibh leughadh mu trioblaid air an t-slighe don oilthigh an-seo: http://5570.forum.onetwomax.de/topic=100378489149
chan eil mi a' dèanamh mòran mu mo chuid ghàidhlig aig an àm seo, agus chan eil sin cho math. bha dùil agam mòran rudan a leughadh, bàrdachd mar eisimpleir, agus rudan mu eachdraidh a' chànain.
ach tha mi a' toirt sùil air gàidhlig èireannach (gaeilge) a-nis - seadh, tá mé ag foghlaim gaeilge ag an oillscóil, ach níl móran agam fós :) chan eil i fìor dhoirbh, 's urrainn dhomh a leughadh... ach chan eil i cho furasda a thuigsinn ma tha daoine ga bruidhinn. agus ma tha mi ag iarraidh bruidhinn, chan eil ach faclan agus abairtean gàidhlig albannach nam cheann :) ach tha sin èibhinn gu leòr. tha clàs agam aig an oilthigh, agus sin ìre 4, tha na daoine eile 'sa chlàs air gaeilge ionnsachadh gu bhith dà bhliadhna agus tha iad gu math diùid ann an còmhradh. leughaidh sinn sgeulachdan mar "cù chulainn" agus tha sin inntinneach o chionn 's gu bheil mi a' leughadh an aon sgeul anns a' chlàs seann ghàidhlig/gaeilge cuideachd, mar a chaidh e a sgrìobhadh gu bhith mìle bliadhna air ais.