aig an oilthigh a-rithist

obh obh, seachdain trang a tha seo. tha an t-oilthigh air toiseachadh a-rithist. bha mi ag iarraidh mòran rudan a dhèanamh an semester seo, ach feumaidh mi obair mòran cuideachd, agus mar sin chan urrainn dhomh a h-uile rud a dhèanamh a bu toigh leam. co-dhiù, nì mi mòran seann ghàidhlig a-nis, ghabh mi gaol air a' chànan sin gu dearbh. tha e doirbh, ach tha e cho ealanta, àlainn.
agus tha mi an dòchas gun tèid an obair gu math cuideachd. seachdain 'sa chaidh bha mi fhathast a' smaoineachadh nach eil airgead gu leòr agam idir. an seachdain seo is coltach gu bheil mi a' faighinn sgoilearan ùra gach latha... chan eil fhios agam am bi tìde gu leòr agam air an son. agus tha mi ag iarraidh a h-uile clas aig an oilthigh a chùmal, tha iad cho inntinneach.
trang agus troimhe-chèile, mar as àbhaist. an deireadh-seachdaine seo thèid sinn do phàrantan mo chèile, bha co-latha breith aig athair an-dè. tha mi an dòchas gum bi laithean snoga sitheil air an dùthaich againn.

leabhar snog

tha mi a' leughadh "the sea kingdoms" le alistair moffat an-dràsda. cheannaich mi e air na saor-laithean, anns a' bhùth aig na tursachan calanais agus thòisich mi a leughadh anns an taigh beag snog anns na gearrannan... mar sin, tha cuimhne brèagha co-cheangailte ris an leabhar agus tha e a' còrdadh rium gu mòr. tha e mu dheidhinn eachdraidh nan dùthchanan ceilteach breatannach agus ged nach eil mòran ùr ann thugam tha e sònraichte ann an dòigh. 's dòcha gum bi na h-ollaimh ag ràdh nach eil e "academic" gu leòr agus gu bheil e beagan "pathetic". ach aig an àm seo, 's toigh leam sin. tha an sgrìobhadair a' rannsachadh anam ceilteach nan dùthchanan seo, agus tha e glè mhath air innse agus na ceangail eadar eachdraidh agus an t-àm againne an-seo a shealltain.

chan eil an oilthigh a' toiseachadh an seachdain seo, seachdain saor eile, ach bidh mi toilichte a bhith ann a-rithist an ath-sheachdain. mar as àbhaist anns na saor-laithean bha mi ro leisg - ged a bha mòran rudan agam a bu chòir dhomh a dhèanamh - agus mar sin bha mi mi-thoilichte leam fhìn. nuair a tha mi trang aig an oilthigh co-dhiù, bidh mi daonnan a' smaoineachadh "anns na saor-laithean feumaidh tu sin agus siud a leughadh, bu toigh leat sin agus siud a sgrìobhadh..." agus mar sin air adhart. ach nuair a tha saor-laithean ann, bidh a h-uile rud a' falbh às m' inntinn.
grrr. an-dràsda fhèin, tha mi air an eadar-lìon cus. bu chòir dhomh an taigh a sgioblachadh :P

dealbh grianach

mill a h-uile rud // earrach!!!

chluich "mill a h-uile rud" ann an wermelskirchen di-sathairne. còmhlann punc gàidhlig a th' annta, agus bha oidhche sgoinneil làn gàidhlig is spòrs againn. 's dòcha gum bi mi ri fhaicinn air BBC cuideachd, ach tha mi gu math cinnteach nach tuirt mi ach sgudal mu choinneimh a' chamara... :)
dùrachdan dhan a h-uile ris a choinnich mi: gu h-àraidh tim agus seonaidh, bha e glè inntinneach bruidhinn ruibh.

b' e sin cuideachd a' chiad deireadh-seachdaine am bliadhna seo 's gun robh mi a' faireachdainn an earraich gu làidir... a' chiad turas am bliadhna gun deach mi sìos don bhaile le casan ruisgte ann am bròganan aotrom, airson flùraichean a cheannachd... hehe, an e hippie a th' annam? ;)
co-dhiù, cuiridh mi dealbhan an-seo a dh' aithghearr.

dealbhan eile... uill, rinn mi mòran dhealbhan air na saor-laithean anns na h-eileanan, aaaaaach - tha an camara briste >:( tha a' chuid as motha dhiubh dìreach dubh. ach co-dhiù, tha gu leòr ann (gu fortanach rinn mo chèile mòran cuideachd), agus cuiridh sinn leabhar-latha air an làrach-lìn agam a dh' aithghearr.

tha gàidhlig gu leòr ann timcheall orm an-dràsda, agus tha mi toilichte :)