coille a' gheamhraidh...

thàinig rud àlainn thugam aig ceann na slighe...



rune gebo - beannachd na ban-dhia skaði.

a-raoir thuirt rudeigin thugam gum feum mi dol an-sin... baile beag cuid mhìltean bho meadhan a' bhaile. thèid mi an-sin uaireannan airson coiseachd. cha robh fhios agam an-diugh càite an tèid mi... sneachda trom anns na coilltean, sàmhachd, grìan, clann le càrn-slaoid, eòin, smaointeann, toileachas... agus an uair sin an tabhartas seo, sealladh àlainn, greiseag ciùin, guthan nam fitheach 'san adhar.

sneachda a-rithist no fhathast...

tha e fliuch, fuar agus tha sneachda gu leòr ann na laithean seo. tha mi toilichte nach eil càr agam...
chòisich mi tron baile dà uair a thìde an-diugh, o chionn 's nach robh an sgoilear gòrach aig an taigh agus cha robh airgead gu leòr agam-sa (gòrach cuideachd) airson dol air ais air a' bhus.
bha mi a' teagasg buidheann ùr de triùir nigheannan beaga aig a bheil trioblaid mòr le mathematics. 's toigh leam obair le nigheannan, bha mi a' smaoineachadh... bha cus bhalaich mi-mhodhail agam airson greis :P
tha mi toilichte, tha sgoilearan gu leòr agam an-dràsda... bidh sin math airson an airgid, thèid sinn gu alba a dh' aithghearr. tha mi an dòchas gun tèid sin uile gu math :)
bha mi aig an oilthigh di-haoine, agus rinn mi cuid dhealbhan, bha dùil agam an cur an-seo, ach tha iad fhathast anns a' chàmara ;)

bha dùil agam sgioblachadh an-diugh...

... seòmar mhona anns na saor-laithean ;)

sneachda

bha mi a' smaoineachadh gu bheil an geamhradh seachad. ach thill e. tha e a' cur sneachda fad na h-ùine, tha na taighean agus sràidean geal, agus tha e gu math fuar. gu mi-fhortanach chan eil e grianach idir, tha an iarmailt liath, ìosal. tha mi tinn fhathast agus chan eil mi ann an deagh shunnd, ged nach eil fhios agam gu cinnteach carson. uaireannan tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi ro leisg, an uair sin tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhomh fois a ghabhal... bu toigh leam ionnsachadh ach chan eil fhios agam càit an toisich mi...
feuchaidh mi ri dealbhan a dhèanamh leis a' chàmara digiteach nas anmoiche...

brrr

tha mi tinn. bha mi nam chadal gu bhith fad an latha an-dè, agus tha mi a' faireachdain gu math lag an-diugh, ach tha mi aig a' choimpiutair a-rithist, haha :)
chan eil fhios agam dè bh' ann, bha mi a' faireachdain gu math grod feasgar di-haoine, agus an-dè bha mi uabhasach lag agus mo cheann goirt fad na h-ùine. ghabh mi dà paracetamol, ged a tha fios agam nach eil sin cho math dhomh (seòrsa allergy), agus an uair sin cha do rinn mi ach cadal. dhùisg mi mu mheadhan oidhche agus bha mi beagan nas fheàrr agus cha b' urrainn dhomh cadal a-rithist. leugh mi beagan rudan mu chànanan, mo chreach, nach e nerd a th' annam? tràth 'sa mhadainn bha tàirneanach ann, agus nuair a dh' eirich mi chunnaic mi gun robh sneachd ann. beagan neònach gu dearbh.
chan eil mi a' dèanamh mòran an-diugh...

ceòl an latha:
ulver - bergtatt
louisa john-krol - ariel

deireadh-seachdaine a' tighinn

tha e bog fliuch. tha mi a' faireachdain rud beag tinn.
chan eil mi a' dèanamh mòran rudan feumail an-diugh. bha mi a' feuchainn ri bàrdachd eadar-theangachadh bhon ghearmailtis gu gàidhlig.
tha mi ag iarraidh cadal cadal cadal.

ceòl an latha:
cranes - future songs
merry november - i'll keep you here
carissa's wierd - songs of leaving

chan eil fhios agam

cha do rinn mi mòran an-diugh. cus eadar-lìon, beagan ionnsachaidh.
'san fheasgar bha mi a' coimhead airson daoine air icq no odigo aig a bheil lietuviskai (lithuanian) no kalaallisut (greenlandic), ach cha robh mòran ann. chuir mi romham gum feuch mi mo chànanan a chleachdadh gach oidhche air an lìon tro na saor-laithean. tha mi an dòchas gun lorg mi daoine a tha deònach èisdeachd don sgudal a tha mi ag innse ;)
chuir e iongnadh orm gun robh na bùthan fosgailte an-diugh, ged a bha carneval ann. ach bha sin feumail, cheannaich mi pizza. mòran daoine grod agus air mhisg anns an stèisean, brrr.

ceòl an latha:
anail nathrach - codex necro
gjallarhorn - sjofn
liisa matveinen - mateli
(gu math eadar-naiseanta, tha mi a-smaoinachadh an-dràsda)

latha brèagha

nam shuidhe san leabaidh agus a' leughadh fad na maidne. gu math decadent ;)
leugh mi aiste inntinneach mu preaspiration ann an cànanan lochlannach, samais agus gàidhlig.
an uair sin, "pagan past and christian present", le kim mccone, mu litreachas èireannach anns na meadhan aoisean. ollamh le àbhachd... beagan sarcastic. 's toigh leam sin, beachdan air an sgrìobhadh sìos ann an dòigh èibhinn an-siud 's an-seo.
sgioblaich mi an cidsin as-dèidh sin. an uair sin, bha mi ag iarraidh dol a-muigh. latha grianach, fuar. chaidh mi air an trèana do àite air an dùthaich faisg air a' bhaile, far an toigh leam coiseachd. an uair sin do àite eile, baile beag le taighean aosda, agus cnoc le radio tower... chòisich mi suas, 's e àite sònraichte a th' ann... ann an dòigh... beagan neònach, 's toigh leam e. chan fhaodar dol faisg air an tùr a-nis, rinn iad callaid ùr. feumaidh mi dol ann 'san oidhche uaireigin a-rithist.
dh' ith mi reòiteag ann an café snog aosda anns a' bhaile, as-dèidh coiseachd tro na sràidean agus cùirtean caola, ciaradh a' tighinn gu luath. chaidh mi air ais don stèisean san dorchadas. bha an inneal-ticeadan briste. chaidh mi air an trèana agus bha eagal orm gun tigeadh oifigear gòrach nach chreideadh an sgeul agam. ach cha tàinig duine sam bith.
gabhaidh mi fras teth fada a-nis :-)

ceòl an latha:
kirile loo - saatus
louisa john-krol etc. - love sessions
loreena mckennitt - the mask and mirror

an t-earrach a' tighinn

tha e grianach an-diugh, an-dèidh laithean is seachdainean dorcha, fliuch... ged a tha e fuar fhathast.
tha mi a' faireachdain neònach... gun fhois. tha rudan ùra a' feitheamh, a' tighinn. chan eil fhios agam dè tha mi a' ciallachadh.
choimhead mi air làraichean-lìn nan oilthighean albannach an-diugh bhon obair. leis an fhirinn innse, tha mi aig an obair an-dràsda fhèin, ach chan eil mi ag obair idir. bu toigh leam dol do oilthigh ann an alba airson greis. ach chan urrainn dhomh idir.
rinn mi liosta leis na rudan a tha mi ag iarraidh ionnsachadh agus leughadh tro na saor-laithean. tha mi an dòchas gun tèid sin gu math. 's dòcha gu bheil mi ag iarraidh cus aig an aon àm, mar as àbhaist. ghabh mi an gaol air seann ghaeilge.
tha mi ag iarraidh dol a-mach agus coiseachd. tha an talamh a' seinn.

saor-laithean a' tighinn

sgrìobh mi an deuchainn mu dheireadh 'san semester seo an-diugh. arc-eòlas. cha robh e math, cha robh e dona - chan eil fhios agam. cha do dh' ionnsaich mi gu leòr, tha mi cinnteach. gach seachdain anns a' chlas bha mi nam shuidhe ann an oisean agus a' dèanamh obair-taighe airson clàsaichean eile, uill... chan ann gu bheil an cùspair cho mì-inntinneach, ach tha an tidsear.
ceart ma-tha, chì mi.
tha mo cheann goirt. bha dùil agam sgrìobhadh beagan air an aiste mu dheidhinn runen, ach cha do rinn mi dad as-dèidh tilleadh bhon oilthigh.
dh' fhaighnich mi dhen tidsear gaeilge an-diugh am bitheadh e ceart gu leòr dhomh dol don clas 2 san ath-shemester. cha do rinn mi clas 1 idir, ach tha fios aice gu bheil gàidhlig agam. thuirt i gum faod mi tighinn do clas 4 cuideachd, ma tha mi ag iarraidh. hmmhmmm...
tha na daoine eile anns an roinn ceilteach aig an oilthigh uile (no gu bhith uile) beagan neònach. bha mi a' bruidhinn ri dithis a rinn an clas gaeilge 3 an semester seo, agus thuirt iad nach urrainn dhiubh dad a ràdh ach madainn mhath agus innse càit a bheil iad a' fuireach. agus tha eagal orra ro'n ath-chlas. carson a tha iad ag ionnsachadh gaeilge idir??
feumaidh mi sguir a-nis. tha am blog seo snog, tha mi a' smaoineachadh. tha mi 'g iarraidh dol don bhùth aig an stèisean a-nis, mus dùin e. feumaidh mi coinnlean, airson brighid.
bendachta brigte cuccib - seann ghaeilge airson beannachdan bhrighid dhuibh ;)
an nighean neònach às a' ghearmailt.